Luchd-cuideachaidh gan iarraidh gus Gàidhlig ullachadh airson an linn didseatach is AI

Tha saor-thoilich aig a bheil Gàidhlig gan sireadh gus cuideachadh le sgeama àrd-amasach gus dèanamh cinnteach gun soirbhich leis a’ chànan san linn dhidseatach.

Read this page in English

Tha eòlaichean oilthighe a’ sireadh dhaoine ann an Alba agus nas fhaide air falbh gus na mìltean de dh’uairean a thìde de chlàraidhean sa Ghàidhlig a thar-sgrìobhadh bho chuid de na tasglannan as cudromaiche san dùthaich.

Cuiridh am pròiseact ris na h-eisimpleirean sgrìobhte is labhairteach de Ghàidhlig a tha rim faighinn airson aithneachadh cainnte fèin-obrachail, a’ cuideachadh choimpiutairean gus an cànan a thuigsinn agus a chur a-mach ann an cruth teacsa agus gus cuideachadh le pròiseactan didseatach eile, a rèir luchd-rannsachaidh.

Le bhith a’ dèanamh seo, tha e ag amas air dualchas cultarail na h-Alba a neartachadh agus air cur ri rannsachadh airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus luchd-cleachdaidh B/bodhar no air a bheil ciorraman claisneachd air feadh an t-saoghail. 

Thèid iarraidh air saor-thoilich làmh-sgrìobhainnean beul-aithris a chaidh a sgrìobhadh le làmh a thar-sgrìobhadh gu teacsa. Thèid ìomhaighean agus clàraidhean fuaime a chur ann an cruth a ghabhas a rannsachadh cuideachd, a’ dèanamh cinnteach gu bheil e nas fheumaile do luchd-rannsachaidh agus dhan phoball.

Clàraidhean-tasglainn 

Nì am pròiseact tar-sgrìobhadh air na clàraidhean fuaime de thraidiseanan na h-Alba a tha air an cumail air dà thasglann aig Tobar an Dualchais/Kist o Riches, goireas air-loidhne anns a bheil stuthan bho na tasglannan seo agus bhon BhBC.

Nam measg, tha 1,500 uair de chlàraidhean air sgeulachdan bho Thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann agus bho Chruinneachadh Chanaigh, fo churam urras Nàiseanta airson Alba

Coimhearsnachd de Shaor-thoilich 

Tha luchd-rannsachaidh ag ràdh gun cuidich fosgladh a-mach na h-obrach didseataich seo gus coimhearsnachd a chruthachadh anns am bi saor-thoilich a’ co-roinn adhartas, fios mu na dh’ionnsaich iad, molaidhean agus far am bi iad ri dheasbad.

Leis an tar-sgrìobhadh, gabhaidh lorg a dhèanamh air an làn-theacsa, rud a dh’fhosglas na mìltean de dhuilleagan de dh’òrain, ceòl, eachdraidh, bàrdachd, dualchas agus sgeulachdan airson rannsachadh.

Cruinnichidh luchd-rannsachaidh corpas mòr de dhàta Gàidhlig an uair sin agus cleachdaidh iad e gus siostam aithneachaidh cainnt fèin-obrachail (automatic speech recognition - ASR) àrd-inbhe a chruthachadh airson meadhanan, foghlam agus rannsachadh.

Aithneachadh Cainnte 

Tha stiùirichean a’ phròiseict ag ràdh gun cuir an dàta ri aithneachadh cainnt fèin-obrachail sa Ghàidhlig le bhith a’ toirt taic do shiostam far an toirear mòran eisimpleirean de Ghàidhlig labhairteach is sgrìobhte gus an urrainn dhaibh cainnt aithneachadh agus a’ chànan a phròiseasadh gu pongail.

Cruthaichidh e cuideachd seataichean dàta ionnsachaidh-inneil de dh’fhaclan, seantansan agus criomagan claisneachd Gàidhlig a chuidicheas siostaman AI gus pàtrain a’ chànain ionnsachadh.

Le bhith a’ dèanamh teacsa a ghabhas sgrùdadh agus le nòtaichean coileanta de dhualchas labhairteach chan e a-mhàin gu bheil am pròiseact a’ dìon dualchas cultarail do-bheantainn na h-Alba ach tha e cuideachd a’ cruthachadh an dàta ro-chudromach a tha a dhìth gus aithneachadh cainnte na Gàidhlig agus cruthan eile de theicneòlas cànain adhartachadh.” Le dìreach ceangal bann-leathainn agus ùidh ann an cànan agus dualchas, faodaidh duine sam bith a dhol an sàs ann – agus mar sin, pàirt a ghabhail ann an obair ath-bheothachaidh chultarail ann an dòigh phractaigeach. 

Tha sinn fìor thoilichte gu bheil sinn ag obair ann an còm-pàirteachas le Oilthigh Dhùn Èideann agus NTS air Fosgladh an Tobair. Cuiridh seo gu mòr ris an àireamh de thar-sgrìobhaidhean air làrach-lìn Tobar an Dualchais / Kist o Riches, agus le sin, cuiridh seo ri ruigsinneachd air ar dualchas Gàidhlig co-roinnte. 

Tha am pròiseact Fosgladh an Tobair a’ cur ris an t-sreath de phròiseactan a tha cànanaichean agus  eòlaichean dàta aig Oilthigh Dhùn Èideann a’ cur air adhart gus Gàidhlig a cheangal ri adhartas ann an AI, conaltradh didseatach agus teicneòlas cànain.

Faodaidh daoine tagradh a dhèanamh airson pàirt a ghabhail san sgeama air làrach-lìn Fosgladh an Tobair. 

Tha Fosgladh an Tobair air a mhaoineachadh le tabhartas bho Riaghaltas na h-Alba (‘Ecosystem for Interactive Speech Technology’ no ‘ÈIST’) agus chaidh obair roimhe seo a mhaoineachadh le Comhairle Rannsachaidh nan Ealan is nan Daonnachdan UKRI (AHRC).