'S e buidheann nàiseanta de luchd-cleachdaidh phlanaichean Gàidhlig a th' ann an G Mòr. Chaidh G Mòr a stèidheachadh gus am b' urrainn do luchd-cleachdaidh phlanaichean Gàidhlig fiosrachadh a chumail ri chèile agus còmhradh a dhèanamh mu chothroman, goireasan agus duilgheadasan a tha sa chumanta eadarra. Tha fàilte ro riochdaire bho bhuidheann sam bith aig a bheil (no a tha ag ullachadh) plana Gàidhlig. 'S e buidheann neo-fhoirmeil a th' ann, agus tha buill na buidhne ga ruith. Tha G mòr air cuireadh a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig riochdairean a chur dha na coinneamhan, ach tha G Mòr neo-eisimeileach. Bidh G Mòr a' coinneachadh gach trì mìosan. Bidh buill a' cumail na coinneamhan ann an diofar àiteachan air feadh Alba gu saor-thoileach. Coinneamhan ann an 2016Ceann-lathaBuidheann-aoigheachdÀite4mh den GhearranOilthigh Dhùn ÈideannDùn Èideann5mh den CheiteanDualchas Nàdar na h-AlbaInbhir Nis4mh den LunastalRiaghaltas na h-AlbaDùn Èideann3mh den t-SamhainIomairt na Gàidhealtachd is nan EileanInbhir NisNam bu toil leibh pàirt a ghabhail ann an G Mòr no nam bu toil leibh barrachd fiosrachaidh mun bhuidheann, cuiribh fios gu rùnaire na buidhne: a' Bh-uas Bria Mason Oifigear na Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann Contact details Work: 0131 650 2876 Email: bria.mason@ed.ac.uk This article was published on Tuesday 29 October 2024