Tha Oilthigh Dhùn Èideann air dreachd fhoillseachadh den Phlana Ghàidhlig againn airson 2019-2024. Chuireamaid fàilte air do bheachdan. Current Start Earrann 1: Faicsinneachd Earrann 2: Cleachdadh na Gàidhlig san Oilthigh Earrann 3: Conaltradh Earrann 4: Ruigsinneachd agus Leasachadh Earrann 5: A’ teagasg na Gàidhlig Earrann 6: A’ lìbhrigeadh a’ Phlana Ghàidhlig Beachdan eile air a' phlana Complete Tha am plana seo a’ togail air soirbheas a' chiad phlana Ghàidhlig againn airson 2013-2018, a’ leasachadh nam pròiseactan soirbheachail againn barrachd agus a’ cur air adhart slighe shoilleir airson na h-obrach againn gus cur ri ath-bheothachadh na Gàidhlig ann an Alba a rèir a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig agus Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Gheibhear ar Dreachd Plana Gàidhlig 2019-2024 an-seo (fosgail ann an taba ùr). Tha na gnìomhan anns a’ phlana seo a’ gabhail a-steach gach taobh den obair againn agus tha iad a’ sealltainn mar a tha sinn ag amas air ìomhaigh na Gàidhlig àrdachadh agus air cothroman a chruthachadh gus a cleachdadh. Tha sinn taingeil airson do bheachdan. Gabhaidh sinn ri freagairtean gus 5f air Dihaoine 20 Sultain 2019. Gabhaidh sinn ri freagairtean sa Ghàidhlig agus/no sa Bheurla. Faodaidh tu do bheachdan a chur a-steach tron fhoirm conaltraidh gu h-ìosal no le bhith a’ sgrìobhadh gu bria.mason (aig) ed.ac.uk. Nam biodh tu deònach, bu toil leinn beagan fiosrachaidh mu do dheidhinn. Chan fheum thu idir d' ainm no fiosrachadh pearsanta eile a chur ann mur a thogras tu. Bidh sinn a' cumail fiosrachadh pearsanta gus am bi ar plana dheireannach air fhoillseachadh. Tha dùil gur anns san t-Samhain 2019 a bhitheas sin. Às dèidh seo, cuiridh sinn às den fhiosrachadh pearsanta sna freagairtean. Ainm (roghainneil) Post-d (roghainneil) A bheil Gàidhlig agad? (roghainneil) Tha Gàidhlig agam o thùs. Tha beagan Gàidhlig agam o thùs, ach chan eil mi fileanta. Tha mi ag ionnsachadh na Gàidhlig. 'S e neach-ionnsachaidh fileanta a th' annam. Chan eil Gàidhlig agam. Eile Enter other… Ceangal ris an Oilthigh (roghainneil) - None -Tha mi nam oileanach aig Oilthigh Dhùn Èideann.Chan eil mi nam oileanaich no nam neach-obrach aig Oilthigh Dhùn Èideann. This question is for testing whether or not you are a human visitor and to prevent automated spam submissions. This article was published on 2024-10-29