Tha diofar chùrsaichean Gàidhlig rin lorg aig an Oilthigh airson muinntir na coimhearsnachd cho math ri oileanaich agus luchd-obrach an Oilthigh. Tha cùrsaichean feasgair airson muinntir na coimhearsnachd agus cùrsaichean saor 's an asgaidh do luchd-obrach is oileanaich gan tabhann leis an Ionad airson Ionnsachaidh Fosgailte. Tha clasaichean Gàidhlig gan tabhann le Roinn Ceiltis & Eòlas na h-Alba airson oileanaich, mar phàirt de cheum. Ceiltis & Eòlas na h-Alba Tha cùrsaichean aig Roinn Ceiltis & Eòlas na h-Alba airson oileanaich air cùrsa ceum. Ionad airson Ionnsachaidh Fosgailte Tha an t-Ionad airson Ionnsachaidh Fosgailte a' tabhann cùrsaichean creideis is oidhche ann an Gàidhlig do mhuinntir na coimhearsnachd, oileanaich is luchd-obrach. Blasad Gàidhlig Tha sinn a’ ruith grunn chlasaichean ‘blasad Gàidhlig’ ann an com-pàirt leis an Oifis Foghlam Fad-bheatha agus Comann Oileanach Oilthigh Dhùn Èideann. This article was published on 2024-10-29