Tha am Plana Gàidhlig againn a’ mìneachadh nam prionnsapalan agus nan geallaidhean a rinn an t-Oilthigh airson na Gàidhlig airson 2025-2030. Mar Oilthigh cruinneil freumhaichte san eachdraidh chatharra gun samhail againn, tha sinn ag aithneachadh nan dleastanasan a th’ oirnn a thaobh na Gàidhlig, tè de chànanan dùthchasach beò na h-Alba.Thèid am Plana Gàidhlig seo a lìbhrigeadh thar 2025-2030 agus, mar phlana thar-Oilthighe, bidh e ag iarraidh air a’ bhuidhinn air fad cumail ris na geallaidhean seo. Bidh an t-uallach iomlan air Buidheann Obrach a’ Phlana Ghàidhlig (GPWG) airson a’ phlana seo a bhuileachadh agus bheir iad taic agus stiùireadh don Oifigear Ghàidhlig, air am bi uallach airson a bhuileachadh bho latha gu latha. Buidheann Obrach a’ Phlana Ghàidhlig Gheibhear am Plana Gàidhlig againn an seo air loidhne agus mar PDF. Document Plana Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann 2025-2030 PDF (3.49 MB / PDF) Gheibhear am Plana Gàidhlig an seo air loidhne tro na ceanglaichean na leanas. Facal-toisich Mar bhuidheann eadar-nàiseanta le ceangalan catharra gun samhail, tha sinn ag aithneachadh nan dleastanasan a th’ oirnn a thaobh cleachdadh, ionnsachadh, agus faicsinneachd na Gàidhlig, aon de chànanan dùthchasach beò na h-Alba, a bhrosnachadh, gu h-ionadail, gu nàiseanta agus air feadh na cruinne. Facal-toisich Ar Prionnsapalan airson na Gàidhlig Còig prionnsapalan a fhreumhaicheas a’ Ghàidhlig ann an cleachdadh an Oilthighe. Ar Prionnsapalan airson na Gàidhlig Teagasg agus Ionnsachadh na Gàidhlig Leanaidh sinn oirnn a’ lìbhrigeadh, ag adhartachadh, agus a’ leudachadh ar cothroman airson ionnsachadh fad-beatha mu chànan is cultar na Gàidhlig, agus a’ toirt taic do theagasg aig an Oilthigh. Ar geallaidhean airson Teagasg agus Ionnsachadh na Gàidhlig Rannsachadh agus Cruinneachaidhean Bidh sinn ag adhartachadh agus a’ dìon nan sàr chruinneachaidhean Gàidhlig againn, agus gan dèanamh ruigsinneach, agus bheir sinn brosnachadh is taic do rannsachadh Gàidhlig aig an Oilthigh. Ar geallaidhean airson Rannsachadh is Cruinneachaidhean Coimhearsnachd na Gàidhlig Bidh sinn a’ brosnachadh agus ag àrach coimhearsnachd thaiceil agus ghnìomhach de luchd-labhairt na Gàidhlig aig an Oilthigh agus san sgìre mun cuairt. Ar geallaidhean airson Coimhearsnachd na Gàidhlig Gàidhlig air an Àrainn Cleachdaidh sinn dòigh-obrach thar-oilthighe gus piseach a thoirt air faicsinneachd, cleachdadh agus ìomhaigh na Gàidhlig thar ar n-àrainnean. Ar geallaidhean airson Gàidhlig air an Àrainn. Obair Com-pàirteachais Cumaidh sinn oirnn a’ sireadh chothroman airson obair com-pàirteachais agus ag adhartachadh an Oilthighe mar ionad airson cleachdadh, teagasg agus rannsachadh na Gàidhlig. Ar geallaidhean airson Obair Com-pàirteachais Buileachadh agus Sgrùdadh Thèid am Plana Gàidhlig seo a lìbhrigeadh thar 2025-2030 agus, mar phlana thar-Oilthighe, bidh e ag iarraidh air a’ bhuidhinn air fad cumail ris na geallaidhean seo. Buileachadh is Sgrùdadh Ar Coimhearsnachd Innsidh oileanaich, luchd-obrach agus muinntir na coimhearsnachd dhuinn mun eòlas aca air a' Ghàidhlig aig an Oilthigh. Ar Coimhearsnachd This article was published on 2024-10-29