Stiùireadh gus pasganan cànan na Gàidhlig a luachadh a-nuas is a stàladh air Office 365 agus CPan an Oilthigh. Tha Plana Foghlam Office 365 aig an Oilthigh a tha a' ciallachadh gu bheil Office 365 "saor an asgaidh" dha na h-oileanaich is luchd-obrach an Oilthigh. Faodar fios a bharrachd air bathar-bog Microsoft Office ri fhaighinn air an làrach-lìn aig Information Services (IS). Microsoft Office aig Oilthigh Dhùn Èideann Mar a chuireas tu ris agus a chleachdas tu pasganan cànain air a' choimpiutair Lean na ceumannan gu h-ìosal gus pasgan cànain a chur ris a' choimpiutair agad is gus atharrachadh eadar pasganan cànain. Fosgail SettingsRach gu Time & Language > Add a LanguageLorg is tagh Gàidhlig anns an liostaDèan cinnteach gu bheil 'Install Language Pack' air a thaghadh Tagh Install Bu chòir dha a bhith ìomhaigh cànain anns a' bhàr-inneil aig bonn do sgàilean air a tha "ENG" dhan Bheurla is "GLA" dhan Ghàidhlig. Briog air an ìomhaigh gus atharrachadh eadar na cànanan. Mar a chuireas tu an dearbhair-litreachaidh Gàidhlig ri CPan an OilthighLean na ceumannan gu h-ìosal gus dearbhair-litreachaidh Gàidhlig a chur ri CPan an Oilthigh. Lorg Software Centre anns a' bhàr-sgrùdaidhLorg 'multilanguage' anns a' bhocsa-sgrùdaidh aig mullach a' bhocsaTagh 'Microsoft Office Multilanguage Proofing Kit 2016'. Tagh is briog Install (faodaidh tu ath-thòiseachadh a dhèanamh air a' choimpiutair) Fosgail Microsoft WordAnns a' bhàr-inneil, rach gu Review > Language > Set Proofing Language Tagh Scottish Gaelic (United Kingdom) Nì Microsoft Office ceartachaidhean air an teacsa agad a-nis. Tha seo ri fhaighinn air bathar-bog Microsoft Office air fad, a' gabhail a-steach Outlook. Tha an dearbhair-litreachaidh Gàidhlig air Microsoft math airson litreachadh ach bithibh mothachail nach dèan e ceartachaidhean air gràmar an-còmhnaidh. Mar a chleachdas tu an dearbhair-litreachaidh Gàidhlig anns a' bhrabhsairLean na ceumannan gu h-ìosal gus dearbhair-lìtreachaidh Gàidhlig a chleachdadh anns a' bhrabhsair seach anns an app. An tòiseach, log a-steach gu Office 365 air loidhne. Log a-steach gu Office 365 Fosgail sgrìobhan Microsoft Word anns a' bhrabhsair Rach gu Review Fosgail clàr Editor (ìomhaigh pinn)Set Proofing Language > Scottish Gaelic Pasganan Cànain air Office dha MacTha dearbhair-litreachaidh air stàladh air Office dha Mac. Lean na ceumannan gu h-ìosal gus dearbhair-litreachaidh na Gàidhlig a chleachdadh. Rach gu Tools > Language Tagh Gàidhlig - Scottish Gaelic Mar a chleachdas tu an guth Gàidhlig digiteach airson teacsa-gu-cainntTha CereProc agus CALL Scotland aig an Oilthigh air inneal teacsa-gu-cainnt Gàidhlig a leasachadh. Faodar an t-inneal seo a chleachdadh gus èisteachd ri Gàidhlig sgrìobhte agus tha e saor-an-asgaidh do dhuine sam bith aig a bheil seòladh puist-d bhon roinn phoblach. Faodaidh tu an guth Gàidhlig a luchdadh a-nuas bho làrach-lìn CALL Scotland. Guth Gàidhlig air CALL Scotland Tha an guth Gàidhlig a-nis ri fhaighinn air iPad. Faodaidh tu fios fhaighinn air mar a chuireas tu an guth Gàidhlig ri iPad air làrach-lìn CALL Scotland. Guth Gàidhlig airson iPad Cuir fios chun IS Helpline airson ceistean IT a bharrachd. Cuir fios chun IS Helpline This article was published on 2024-10-29