Teagasg agus Ionnsachadh na Gàidhlig

Ar prionnsapal agus geallaidhean airson Teagasg agus Ionnsachadh na Gàidhlig.

Prionnsapal

Leanaidh sinn oirnn a’ lìbhrigeadh, ag adhartachadh, agus a’ leudachadh ar cothroman airson ionnsachadh fad-beatha mu chànan is cultar na Gàidhlig, agus a’ toirt taic do theagasg aig an Oilthigh.

Ar Geallaidhean
  1. Tog air ar cliù mar ionad sàr-mhathais aithnichte ann an eòlas Ceiltis is Gàidhlig agus lean air adhart a’ tabhann ar ceum ann am Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig, a tha cudromach gu nàiseanta, do luchd-ionnsachaidh agus fileantaich. 
  2. Leasaich agus leudaich molaidhean airson cothroman bogaidh taobh a-staigh no an cois ar prògraman ceuma Gàidhlig, a’ gabhail a-steach rannsachadh cothrom airson dian-sgoil-shamhraidh a leasachadh còmhla ri solaraichean foghlaim àrd-ìre eile. 
  3. Adhartaich agus leudaich na cothroman againn airson cùrsaichean Gàidhlig taobh a-staigh ar solar Cànain dha na h-Uile, a’ toirt chothroman don phoball, don luchd-obrach againn agus do dh’oileanaich a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig. 
  4. Thoir brosnachadh, taic, agus aithne do dh’oileanaich a choileanas an cuid obrach tro mheadhan na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach a bhith a’ toirt taic do dh’oileanaich le feumalachdan ionnsachaidh a bharrachd mar a dh’fheumar. 
  5. Rannsaich roghainnean airson slighean agus leasachaidhean Gàidhlig tarsainn roinn na Ceiltis is Eòlas na h-Alba agus ann am foghlam thidsearan. 
  6. Leasaich agus leudaich ar com-pàirteachas le sgoiltean agus colaistean ann an Dùn Èideann agus air feadh na dùthcha, le amas sealltainn dè as urrainn don Oilthigh a thabhann do dh’oileanaich aig a bheil Gàidhlig agus dhaibhsan aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig. 

 

Tutor using a map in Gaelic class.
Rona Wilkie a' teagasg na Gàidhlig air cùrsa goirid aig Ionad an Fhoghlaim Fhosgailte.

Sgrùdadh-cùise

Gàidhlig aig Ionad an Fhoghlaim Fhosgailte

Tha cùrsaichean Gàidhlig nar prògram Cànanan dha na h-Uile aig Ionad an Fhoghlaim Fhosgailte (COL) fosgailte do luchd-obrach, oileanaich agus buill den phoball. Tha ar solar Gàidhlig a’ sìor leudachadh le clasaichean a-nis rim faighinn aig ìre tòiseachaidh, eadar-mheadhanach agus bunasach. 

 

Ann an 2023, stèidhich COL cùrsa “Cleachd i: Tilleadh don Ghàidhlig” dhaibhsan a b’ àbhaist a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig, ge bith an ann san sgoil, san obair no sa choimhearsnachd, agus a tha airson tilleadh chun chànain. Bheir an cùrsa cothrom do dhaoine a b’ àbhaist a bhith nan luchd-labhairt an eòlas air a’ chànan a leudachadh agus misneachd ath-thogail ann an cleachdadh na Gàidhlig.