Ar prionnsapal agus geallaidhean airson Rannsachadh agus Cruinneachaidhean. PrionnsapalBidh sinn ag adhartachadh agus a’ dìon nan sàr chruinneachaidhean Gàidhlig againn, agus gan dèanamh ruigsinneach, agus bheir sinn brosnachadh is taic do rannsachadh Gàidhlig aig an Oilthigh. Ar Geallaidhean Cuir taic ri agus cuir air adhart cruinneachaidhean Gàidhlig speisealta agus cudromach gu h-eadar-nàiseanta an Oilthighe, gu sònraichte: tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, anns a bheil mìltean de chlàran-fuaim sa Ghàidhlig; leabhraichean clò-bhuailte agus tasglannan Gàidhlig tearca, a' gabhail a-steach Cruinneachadh MhicIlleMhìcheil-MhicBhàtair a tha aithnichte le UNESCO; nithean Gàidhlig is Ceiltis cudromach eile san Ionad airson Rannsachadh Fosgailte; agus, an fharsaingeachd de stuthan leabharlainn againn. Dèan cinnteach gu bheil tasglannan is cruinneachaidhean Gàidhlig an Oilthighe ruigsinneach do dh’oileanaich agus luchd-obrach, a’ gabhail a-steach a bhith a’ leudachadh cothrom fiosaigeach air na tasglannan, agus a’ tabhann chothroman do mhuinntir a’ phobaill a dhol an sàs sna cruinneachaidhean. Brosnaich agus cuir a’ Ghàidhlig air adhart ann an rannsachadh a-staigh agus a-muigh, a’ gabhail a-steach lìbhrigeadh sreath cunbhalach de cho-labhairtean agus coinneamhan rannsachaidh.Leasaich lìonra rannsachaidh thar-Oilthigh air a’ Ghàidhlig gus tuilleadh co-obrachaidh a bhrosnachadh eadar roinnean agus Sgoiltean. Rannsaich cothrom air dreuchd a stèidheachadh aig ìre dhotaireil no iar-dhotaireil airson sgrùdadh a dhèanamh air eachdraidh na Gàidhlig aig an Oilthigh agus air feadh baile mòr Dhùn Èideann. Inneal-clàraidh a bha air a chleachdadh le Sgoil Eòlas na h-Alba. Sgrùdadh-cùise Inntleachd fhuadain na GàidhligAnn an 2022, thòisich luchd-rannsachaidh aig Oilthigh Dhùn Èideann air pròiseact co-obrachail àrd-amasach le Oilthigh Ghlaschu agus BBC ALBA, air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba. ’S e amas a’ phròiseict sàr shiostam ùr-nodha fo-thiotalan agus tar-sgrìobhadh guth a chruthachadh airson na Gàidhlig. Gus seo a dhèanamh, tha an sgioba a’ cleachdadh teacsa agus stuth claisneachd bho Thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann agus Tasglann Didseatach na Gàidhlig (DASG) ann an Glaschu gus modalan ro-innse cànain is fuaimneach a leasachadh airson na Gàidhlig. Le bhith a’ cruthachadh siostam aithneachadh cainnt fèin-obrachail àrd-inbhe airson nam meadhanan, foghlam agus rannsachadh, cuidichidh am pròiseact le bhith a’ toirt seasamh don Ghàidhlig san linn dhidseataich. Coimhearsnachd na Gàidhlig This article was published on 2024-10-29