Eachdraidh na Gàidhlig aig an Oilthigh

Bhon a stèidhich sinn a' chiad Chathair Ceiltis ann an Alba ann an 1882 gu leasachadh AI sa Ghàidhlig ann an 2023, tha eachdraidh fhada agus chliùiteach aig Oilthigh Dhùn Èideann a thaobh na Gàidhlig.

Tha sinn dhen bheachd gu bheil a' Ghàidhlig a' cur ri coimhearsnachd an Oilthigh againn ann an dòigh air leth cudromach, gu h-eachdraidheil agus san latha an-diugh. Faigh a-mach mu sgeul na Gàidhlig aig an Oilthigh air an duilleag seo.

Read in English 

Expand all
Collapse all

A' chiad choinneamh aig Comann Oiseanach Oilthigh Dhùn Èideann, a tha air an t-ainm an Comann Ceilteach a chleachdadh bho 1851, an comann as fhaide a tha air a bhith a’ ruith san Oilthigh.

Tha an Comann Ceilteach fhathast gnìomhach an latha an-diugh, a' cur tachartasan air dòigh agus a' toirt coimhearsnachd ri chèile airson oileanaich aig a bheil a' Ghàidhlig agus a tha ga h-ionnsachadh aig an Oilthigh. 

An Comann Ceilteach

Chaidh Cathair na Ceiltis a stèidheachadh, a’ chiad tè de a seòrsa ann an Alba. ’S e an t-Ollamh Dòmhnall MacFhionghain à Colbhasa a’ chiad neach aig an robh e.

Tha Cathair na Ceiltis a-nis ga chumail leis an Ollamh Rob Dunbar. 

Image
Portrait of Alasdair Carmichael

Cruinneachadh tasglann MhicIlleMhìcheil-MhicBhatair de dh’òrain, sgeulachdan agus beul-aithris traidiseanta air fhàgail mar dhìleab dhan Oilthigh.

Tha an Cruinneachadh MhicIlleMhìcheil-MhicBhràtair stèidhichte air an obair aig Alasdair MacIlleMhìcheil (1832-1912), a tha air cliù a chosnadh airson an cruinneachadh de dh'òrain, bàrdachd, beannachdan is sgeulachdan a dh'fhoillsich e ann an "Carmina Gadelica". 

Cruinneachadh MhicIlleMhìcheil-MhicBhratair

Sgoil Eòlais na h-Alba air a stèidheachadh gus stuthan co-cheangailte ri traidiseanan cultarach agus beul-aithris na h-Alba a chruinneachadh, a ghlèidheadh, a rannsachadh agus fhoillseachadh.

Tasglann Sgoil Eòlas na h-Alba

1974

Sorley Maclean at his graduation.

Somhairle MacGill-Eain (1911-1996), bàrd agus sgrìobhadair Gàidhlig, air ainmeachadh mar Sgrìobhadair Cruthachail air Mhuinntireas oifigeil an Oilthigh.

Rugadh agus thogadh Somhairle MacGill-Eain air Eilean Ratharsair, agus chaidh e gu Oilthigh Dhùn Èideann an toiseachd mar oileanach ann am Beurla. 

Tha MacGill-Eain air cliù a chosnadh airson a bhàrdachd, anns an robh e a' rannsachadh eachdraidh, poilitigs, gaol, cruth-tìre agus cogadh. 

Somhairle MacGill-Eain

2006

Tobar an Dualchais logo.

Pròiseact Tobar an Dualchais / Kist o Riches a’ tòiseachadh leis an amas 12,000 uair a thìde de stuthan a chruinnich Sgoil Eòlais na h-Alba bho 1951 a chur ann an cruth didseatach agus gus cothrom a thoirt dhan phoball air.

'S e goireas air loidhne a th' ann an Tobar an Dualchais, a' toirt a-steach clàraidhean bho trì cruinneachaidhean: Sgoil Eòlas na h-Alba, Cruinneachadh Cannaigh, agus tasglann BBC Radio nan Gàidheal. Lorgaidh tu claraidhean air an làrach-lìn Tobar an Dualchais. 

Tobar an Dualchais / Kist o Riches 

An t-Oilthigh a’ cur an dreuchd bàrd, ùghdar agus sgeulaiche cliùiteach Màrtainn Mac an t-Saoir mar a’ chiad Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas.

Bidh Màrtainn Mac an t-Saoir a' cumail tachartasan Gàidhlig agus bùithtean-obrach sgrìobhaidh tron bhliadhna dha oileanaich, luchd-obrach agus muinntir na coimhearsnachd. Cumaibh do shùilean air na duilleagan sòisealta againn airson fiosrachadh mu na tachartasan ri thighinn. 

Màrtainn Mac an t-Saoir aig an Oilthigh

Gàidhlig @ ODÈ

A’ cleachdadh stuthan bho Thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, thòisich luchd-rannsachaidh Oilthigh Dhùn Èideann air pròiseact inneal aithneachaidh cainnt Gàidhlig AI còmhla ri BBC Alba agus Oilthigh Ghlaschu.

Iomairt AI a’ toirt cothrom na Fèinne dhan Ghàidhlig san linn dhidseatach