Fiosrachadh mu bhuidhnean Gàidhlig ann an Dùn Èideann I-T. Tha na buidhnean sa bhileig air fiosrachadh a chur thugainn mu na gnìomhan aca fhèin. Tha sinn a’ toirt taing dhan a h-uile duine a chuir taic thugainn airson a’ bhileag seo a chur air dòigh. Cha robh e air a bhith comasach a dhèanamh às aonais mòran charaidean. Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann (CnaG) ’S e prìomh amas na buidhne seo, a tha a’ faighinn taic bho Chomunn na Gàidhlig, fàs a thoirt air àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig agus cothroman a chruthachadh gus Gàidhlig a chleachdadh. Bidh an t-Oifigear Òigridh is Coimhearsnachd a’ brosnachadh cleachdadh a’ chànain tro phròiseactan agus tachartasan spòrsail. Làrach-lìn mairibheag@cnag.org Facebook Instagram Leabharlann Bàrdachd na h-Alba Tha iomadh leabhar anns a bheil obair le bàird Ghàidhlig an latha an-diugh agus an latha an-dè air sgeilpichean Leabharlann Bàrdachd na h-Alba a tha rim faighinn air iasad no ri an ceannach. Air làrachlìn Leabharlann Bàrdachd na h-Alba, tha goireasan Gàidhlig, agallamhan podcast le bàird Ghàidhlig agus, gu dearbh, dàin a sgrìobh bàird Ghàidhlig. Chaidh Gàidhlig a chur air tòrr de na duilleagan air an làraichlìn. Choimisean an SPL film Gàidhlig bho chionn ghoirid a tha ri fhaicinn air làrach-lìn an SPL a tha a’ coimhead gu sònraichte air goireasan Gàidhlig an Leabharlainn. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn air-loidhne. Làrach-lìn reception@spl.org.uk Facebook Twitter Instagram Leabharlann agus Cruinneachaidhean an Oilthigh, Oilthigh Dhùn Èideann Tha cruinneachaidhean eadar-mheasgte air leth aig Oilthigh Dhùn Èideann de thasglannan agus leabhraichean Gàidhlig, bhon 16mh linn chun an latha an-diugh. Am measg nam prìomh nithean sa chruinneachadh, tha na mìltean de chlàraidhean claisneachd aig Tasglannan Sgoil Eòlais na h-Alba anns a bheil beul-aithris, òrain, sgeulachdan, bàrdachd, ainmean-àite, cànanachas agus barrachd, le taic bho leabharlann speisealta. Ann an cruinneachadh MhicIlleMhìcheil MhicBhatair, tha tasglannan beul-aithris, cràbhachd agus ainmeanàite, agus tha cruinneachadh an Ollaimh Dhòmhnaill MacFhionghuin a’ gabhail a-steach chànanan, litreachas, eachdraidh, agus àrsachd. Tha còrr air 400 leabhar clò-bhuailte sa Ghàidhlig bhon 18mh-20mh linn aig Leabharlann na Colaiste Ùir, nam measg Bìobaill, ùrnaighean, laoidhean, searmonan agus bàrdachd agus eachdraidh. Làrach-lìn is-crc@ed.ac.uk Facebook Twitter Sgoil Eòlas na h-Alba air Twitter Leabharlann Nàiseanta na h-Alba Tha e na amas aig an Leabharlann Nàiseanta a bhith a’ cruinneachadh agus a’ cumail lethbhreac den a h-uile rud a chaidh fhoillseachadh riamh anns a’ Ghàidhlig no mu chultar na Gàidhlig, ann an clò no cruth didsiteach. Tha an cruinneachadh as motha san t-saoghal againn de làmh-sgrìobhainnean ann an Gàidhlig na h-Alba. Faodaidh daoine aig a bheil cairt-leughaidh iomchaidh nithean a leughadh ann an seòmar-leughaidh an Leabharlainn. Tha fiosrachadh mu chruinneachaidhean, seirbheisean agus taisbeanaidhean an Leabharlainn ri fhaighinn air-loidhne. Tha bileag fiosrachaidh ri faighinn sa Ghàidhlig cuideachd. Làrach-lìn info@nms.ac.uk Facebook Twitter Instagram Òganan Dhùn Èideann Bidh Òganan Dhùn Èideann a’ solar cùram-cloinne do phàistean eadar 3-12 bliadhna a dh’aois, an dà chuid foghlam nan Tràth-bhliadhnaichean is cùram mu Thimcheall Uairean na Sgoile. Tha luchd-obrach Òganan an geall air seirbheis shàr-chàileachd a thoirt do gach pàiste, òganach, is pàrant ann an àrainneachd shàbhailte thogarrach. Tabhainnidh iad: Seiseanan làn-mhaoinichte nan Tràth-bhliadhnaichean agus cùram co-thaiceil a bhios fosgailte do phàiste sam bith ro aois na sgoile; Cluba na Bracaist agus Cluba Às Dèidh na Sgoile; • Geamannan spòrsail is freagarrach a rèir aoise; Goireasan is acainn air leth; Deagh thaghadh de ghreimeannan-bìdh fallain; Clubaichean nan Saor-làithean agus cùram-cloinne air Làithean In-sheirbheis. Làrach-lìn oifis@oganan.com Facebook Oilthigh Dhùn Èideann Stèidhich Oilthigh Dhùn Èideann a’ chiad Chathair Ceiltis ann an Alba ann an 1882. Ann an Ceiltis is Eòlas na h-Alba, bidh an t-Oilthigh a’ teagasg phrògraman aig gach ìre, agus tha e an sàs gu mòr ann an rannsachadh Gàidhlig. Bidh Ionad an Ionnsachaidh Fhosgailte a’ tabhann chlasaichean Gàidhlig don choimhearsnachd, agus bidh Oifigear na Gàidhlig a’ cur air dòigh prògram de thachartasan Gàidhlig. Tha cruinneachaidhean cudromach aig an Oilthigh, a’ gabhail a-steach Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba. Stèidhich an t-Oilthigh a' chiad Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas ann an 2022. Tha Plana Gàidhlig an Oilthigh 2019-2024 ri leughadh air an làrach-lìn. Làrach-lìn isla.parker@ed.ac.uk Facebook Twitter Instagram Pàrlamaid na h-Alba Nì Pàrlamaid na h-Alba laghan is deasbadan air cùisean a tha cudromach do dh’Alba, is cumaidh i Riaghaltas na h-Alba cunntachail. Tha seiseanan foghlaim is tursan Gàidhlig rim faighinn cho math ri bileagan Gàidhlig, agus faodar fios a chur thuca sa Ghàidhlig. Is urrainn dhut Pàrlamaid na h-Alba a leantainn sa Ghàidhlig air na meadhanan sòisealta no bloga na Pàrlamaid a leantainn. Bloga na Pàrlamaid Làrach-lìn gaidhlig@parliament.scot Twitter Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann Tha Seachdain na Gàidhlig na fhèis a bhios a’ gabhail àite air feadh na h-Alba. Sa bhaile mhòr, tha Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann air a ruith, aig a' cheart àm ri Seachdain na Gàidhlig air fad, le comataidh de shaor-thoilich, le taic bho Oifigear Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann agus bho Oifigear Corporra Leasachaidh Ghàidhlig Chomhairle Dhùn Èideann. Tha an fhèis in-ghabhalta seo a’ comharrachadh coimhearsnachd Gàidhlig Dhùn Èideann sna làithean a dh’fhalbh agus san là an-diugh. Làrach-lìn seachdainnagaidhlig@gmail.com Instagram Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba Tha mapa Gàidhlig aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, agus tha fiosrachadh ‘planaich an turas agad’ ri fhaighinn air-loidhne sa Ghàidhlig. Tha ‘slighean’ do theaghlaich agus sgoiltean air-loidhne anns a’ Ghàidhlig, agus tha goireasan do sgoiltean mu chruthan tàileisg Leòdhais rim faighinn sa Ghàidhlig air Twinkl. Tha Neach-taic Eòlas Luchd-tadhail aig a bheil Gàidhlig, agus gheibh gach ball ùr de sgioba Eòlas an Luchd-tadhail trèanadh mothachaidh Gàidhlig. Bidh a’ bhuidheann a’ freagairt gach beachd, gearan, agus moladh a gheibhear sa Ghàidhlig anns a’ Ghàidhlig. Bidh Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba a’ toirt seachad eadar-theangachaidhean Gàidhlig de na prìomh sgrìobhainnean ro-innleachdail aca air-loidhne, a’ gabhail a-steach a’ Phlana Ghàidhlig còig-bliadhna aca. Làrach-lìn info@nms.ac.uk Facebook Twitter Instagram This article was published on 2024-10-29