Chaidh Sgoil Eòlas na h-Alba a stèidheachadh ann an 1951 aig Oilthigh Dhùn Èideann airson stuthan ceangailte ri cultar agus dualchas na h-Alba a chruinneachadh, a ghlèidheadh, a rannsachadh agus fhoillseachadh. Tha cruinneachadh farsaing aig an Sgoil, le còrr is 33,000 uairean de chlàraidhean-fuaime Gàidhlig is Beurla Gallda, tasglann-deilbh le mìltean de dhealbhan, agus cruinneachadh beag de fhilmichean, bhideothan agus làmh-sgrìobhainnean. 'S e goireas cudromach do dh'Alba a th' anns na tasglannan, agus faodar an cleachdadh airson rannsachadh, acadaimigeach agus pearsanta, a dhèanamh ann an diofar dhòighean. Tadhail air an t-Seòmar-Luirg gus sùil a thoirt air a' chruinneachadh, le bhith a' cleachdadh innealan-cuideachaidh agus catalogan agus le taic bho sgioba eòlaichean na Sgoile. Èist ri clàraidhean-fuaime air feadh an t-saoghal tron t-seirbheis-sruthaich. Leugh leabhraichean bho Leabharlann Sgoil Eòlas na h-Alba le DiscoverEd. Log a-steach gus iarraidh air leabhar agus cuiridh an sgioba an leabhar sa Phrìomh Leabharlann dhut. DiscoverEd Uairean Fosgailte Tha fàilte bhlàth aig an Sgoil air luchd-tadhail agus luchd-rannsachaidh taobh a-staigh agus taobh a-muigh an Oilthigh. Ma tha thu airson tadhal air an Tasglann, nach cuir thu fios dhan sgioba air an t-seòladh-puist-d aig Heritage Collections. Seòmar-Luirg: Dimàirt 10m-1f, Diardaoin, 1f-4fSeirbheis-Sruthaich: Dimàirt-Diardaoin, 10m-4f Cuir post-d gu Heritage Collections gus tadhal a chur air dòigh. Heritage Collections Tha barrachd fiosrachaidh mu shusbaint Tasglann Sgoil Eòlas na h-Alba ri fhaighinn air làrach-lìn a' Phrìomh Leabharlann. Sgoil Eòlas na h-Alba Read this page in English This article was published on 2024-10-29