Ged a tha cuid a’ cumail a-mach nach robh Gàidhlig riamh ga bruidhinn ann an Dùn Èideann, tha fianais bho ainmean-àite a’ sealltainn gu bheil ainmean-àite a thàinig às a’ Ghàidhlig air feadh Dhùn Èideann agus cuideachd deas agus ear air a’ bhaile. Tha eisimpleirean de dh'ainmean-àite Gàidhlig ann an Dùn Èideann gu h-ìosal. Salisbury Crags Ann an 1128, chaidh iomradh a thoirt air na Salisbury Crags ann an cùmhnant mar Craginmarf agus is cinnteach gun tàinig seo às a’ Ghàidhlig Creag nam Marbh. Drumsheugh Chaidh seo a chlàradh ann an 1507 mar Drumselch, bho Dhruim Seileach. Balerno Chaidh Balerno a chlàradh ann an 1283 mar Balernauch, agus tha e coltach gun tàinig seo às a’ Ghàidhlig Am Baile Àirneach, a tha a’ ciallachadh sloe tree farm. Craigentinny Tha e coltach gu bheil seo a’ tighinn à Creag an t-Sionnaich. Craigmillar Chaidh seo a chlàradh mar Cragmilor ann an 1124. Tha e coltach gur ann à Creag Maol Àirde a thàinig seo. An-diugh, gu tric, ’s e Creag a’ Mhuilleir a chanas daoine ris sa Ghàidhlig. Inverleith Tha seo a’ tighinn à Inbhir Lìte. Torduff agus Torphin Hill Tha ainmean nan tòrran seo, a tha faisg air Curraich (Currie) a’ tighinn bhon Ghàidhlig An Tòrr Dubh agus An Tòrr Fionn. This article was published on 2024-10-29