Goireasan

Goireasan Gàidhlig a' toirt a-steach bathar Gàidhlig, pasganan cànain agus fiosrachadh mun Ghàidhlig ann an Dùn Èideann.

Ann am bileag Dùn Èideann nan Gàidheal, tha fiosrachadh mu eachdraidh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann cho math ri fios mu bhuidhnean Gàidhlig sa bhaile.

Stiùireadh gus pasganan cànan na Gàidhlig a luachadh a-nuas is a stàladh air Office 365 agus CPan an Oilthigh.

Tha an sgioba aig Co-ionannachd, Iomadachd agus In-ghabhaltas (EDI) air faclair beag a dhèanamh de fhaclan Gàidhlig a tha co-cheangailte ri in-ghabhaltas agus co-ionannachd.

Tha geansaidhean agus lèintean-t sa Ghàidhlig rim faighinn san Ionad Luchd-tadhail no sa bhùth air-loidhne.