Faclair Beag EDI

Tha an sgioba aig Co-ionannachd, Iomadachd agus In-ghabhaltas (EDI) air faclair beag a dhèanamh de fhaclan Gàidhlig a tha co-cheangailte ri in-ghabhaltas agus co-ionannachd.

Tha an t-Oilthigh airson cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh thar ar seirbhisean, a’ cur ri amasan a’ Phlana Ghàidhlig cho math ris na gealltanasan-corporra againn a thaobh co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhaltas.

Is e goireas a th’ anns an fhaclair bheag EDI do luchd-labhairt na Gàidhlig agus daoine a tha ag ionnsachadh a' chànain gus am brosnachadh Gàidhlig a chleachdadh san obair agus sa bheatha aca.

A bharrachd air sin, tha am faclair beag seo a’ taisbeanadh air cudromachd na Gàidhlig agus iomadachd-cànain aig an Oilthigh mar chuspair co-cheangailte ri co-ionannachd agus in-ghabhaltas, a’ dèanamh cinnteach gu bheil an t-Oilthigh a’ cur fàilte air a h-uile duine.

Lorgaidh tu am Faclair Beag EDI air na duilleagan EDI gu h-ìosal.

Faclair Beag EDI

Cuir fios dhan sgioba ma tha faclan a dhìth air an liosta seo.

Cuir fios do EDI