Fiosrachadh mu bhuidhnean Gàidhlig ann an is mu thimcheall Dhùn Èideann A-C. Tha na buidhnean sa bhileig air fiosrachadh a chur thugainn mu na gnìomhan aca fhèin. Tha sinn a’ toirt taing dhan a h-uile duine a chuir taic thugainn airson a’ bhileag seo a chur air dòigh. Cha robh e air a bhith comasach a dhèanamh às aonais mòran charaidean. An Comann Gàidhealach - Meur Dhùn Èideann ’S e tachartas cultarail Gàidhlig càirdeil is cridheil a th’ ann am Mòd Ionadail Dhùn Èideann a thèid a chumail sa Chèitean gach bliadhna. Ged is e tachartas co-fharpaiseach a th’ anns a’ Mhòd, ’s e a bhith a’ gabhail pàirt agus spòrs a bhith aig daoine na rudan as cudromaiche. Le Iomall a’ Mhòid, bidh cothrom ann blasad de rudan cultarail tarraingeach neo-fharpaiseach fheuchainn! Tha Lòn Gàidhlig Dhùn Èideann air tilleadh. Bidh neach-labhairt againn airson bruidhinn ruinn sa Ghàidhlig air cuspair anns am bi ùidh aig an luchd-frithealaidh. Cuirear fàilte air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig gus buannachd fhaighinn bho chothroman cànain. Làrach-lìn localmodedinburgh@gmail.com Facebook Bilingualism Matters Tha Bilingualism Matters na ionad rannsachaidh is fiosrachaidh, stèidhichte ann an Oilthigh Dhùn Èideann, a bhios a’ sgrùdadh dà-chànanas agus ionnsachadh cànain agus a’ sgaoileadh nan toraidhean rannsachaidh aige gus an urrainn do dhaoine co-dhùnaidhean fiosraichte a dhèanamh stèidhichte air fianais shaidheansail. Tha Bilingual Matters a’ creidsinn gum faod barrachd air aon chànan, agus na buannachdan a thig an lùib sin, a bhith aig a h-uile duine, agus bidh iad ag obair an dà chuid le coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Alba agus le mion-chànanan eile san Roinn Eòrpa. Lean air na meadhanan sòisealta agus air an làraich-lìn iad airson goireasan, rannsachadh agus fios mu thachartasan. Làrach-lìn bilingualism-matters@ed.ac.uk Facebook Twitter Bothan Dhùn Èideann ’S e cèilidh mhòr luchd na Gàidhlig ann an Dùn Èideann a th’ anns a’ Bhothan: àite far an tig luchd na Gàidhlig còmhla airson feasgar làn craic, ealain Ghàidhlig agus caraidean. Bidh Bothan a’ coinneachadh turas gach mìos, mar as trice air a’ chiad Dihaoine den mhìos. Tha Bothan air a ruith le comataidh shaor-thoileach. Bidh a’ chomataidh a’ coinneachadh gu cunbhalach airson prògram a chur air dòigh, agus tha iad an còmhnaidh a’ cur fàilte air daoine ùra a tha airson an cuid a chur ri gnothaichean. bothanduneideann@googlemail.com Facebook Twitter Instagram Bun-sgoil Taobh na Pàirce Tha fàilte bhlàth a’ feitheamh oirbh uile ann am Bun-sgoil Taobh na Pàirce, bun-sgoil Ghàidhlig Dhùn Èideann. ’S e lèirsinn na sgoile cothroman ionnsachaidh aig an ìre as àirde a lìbhrigidh dha na pàistean aca, tro mheadhan na Gàidhlig. Le faisg air 500 sgoilear, bho sgoil-àraich gu C7, is mu 50 luchd-obrach, tha ar sgoil na dachaigh do aon de na coimhearsnachdan Gàidhlig as motha sa bhaile. ’S e tlachd a bhios ann dhan luchd-obrach taic a thoirt dhuibh ann an dòigh sam bith is urrainn dhaibh, is tha iad a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ribh. Làrach-lìn admin@taobhnapairce.edin.sch.uk YouTube Camanachd Dhùn Èideann ’S e comann-iomain òigridh a th’ ann an Camanachd Dhùn Èideann, co-cheangailte ri buidheannriaghlaidh an spòrs, Comann na Camanachd. Bheir an club seachad trèanadh leis fhèin, agus còmhla ri sgoiltean ann an Dùn Èideann a tha a’ tabhann iomain anns a’ churraicealaim PE. Tha iomain na spòrs fisigeach, fallainn, beòthail, luath a tha freumhaichte sa choimhearsnachd Ghàidhlig agus bidh an club a’ cur fàilte air duine sam bith a tha ag iarraidh tighinn ann gus an spòrs as fheàrr an Alba a chluich! Làrach-lìn camanachd@duneideann.net Facebook Cearcall Còmhraidh Dhùn Èideann ’S e buidheann chàirdeil, shocair a th’ anns a’ Chearcall Còmhraidh far an cuirear fàilte air luchd-labhairt na Gàidhlig aig gach ìre bho luchd-tòiseachaidh gu fileantaich. Bidh a’ bhuidheann a’ coinneachadh gach feasgar Dimàirt ach a-mhàin aig àm na Nollaige agus na Bhliadhna Ùire. Cha ruig thu a leas àite a ghleidheadh – dìreach thig ann. Làrach-lìn cearcall.net@gmail.com Facebook This article was published on 2024-10-29