Obair Com-pàirteachais

Ar prionnsapal agus geallaidhean airson Obair Com-pàirteachais.

Prionnsapal

Cumaidh sinn oirnn a’ sireadh chothroman airson obair com-pàirteachais agus ag adhartachadh an Oilthighe mar ionad airson cleachdadh, teagasg agus rannsachadh na Gàidhlig. 

Ar Geallaidhean
  1. Dèan cinnteach gum bi Seachdain na Gàidhlig ann an Dùn Èideann soirbheachail ann an co-obrachadh le Comhairle Baile Dhùn Èideann agus lìonra Capital Gaelic. 
  2. Obair le com-pàirtichean air an taobh a-staigh agus air an taobh a-muigh gus tachartasan ciùil is cultarail Gàidhlig a thabhann gu cunbhalach do luchd-obrach, oileanaich, agus a’ choimhearsnachd ionadail, a’ gabhail a-steach obair leis a’ Chomunn Ghàidhealach gus leantainn air adhart a’ cumail Fèis Cuimhneachaidh Iain MhicLeòid aig an Oilthigh. 
  3. Lean air adhart a’ toirt taic do, agus a' gabhail pàirt ann an lìonra Capital Gaelic agus ag obair le buidhnean Gàidhlig eile ann an Dùn Èideann gus Gàidhlig a chur air adhart sa bhaile. 
  4. Obair còmhla ri com-pàirtichean gus greisean gnìomhachais Gàidhlig pàighte a leasachadh agus adhartachadh do na h-oileanaich againn. 
  5. Obair còmhla ri Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann gus taic a thoirt don iomairt gus ionad Gàidhlig a stèidheachadh sa bhaile. 
  6. Lean air adhart ag obair le oifigearan agus roinnean Gàidhlig oilthighean is colaistean eile gus guth Foghlam Àrd-ìre is Adhartaich a cho-òrdanachadh air cùisean a tha cudromach don Ghàidhlig. 
  7. Co-òrdanaich na tha an t-Oilthigh a’ cur ri poileasaidh poblach agus deasbad cultarail na Gàidhlig. 
  8. Stèidhich conaltradh cunbhalach le ionadan mheadhanan Gàidhlig gus gnìomhachd Ghàidhlig aig an Oilthigh a shanasachd.
Members of the community playing Gaelic Scrabble.
A' cluich Scrabble Gàidhlig aig Ionad Pop Up, air a chumail le Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann ann an co-bhonn le Capital Gaelic, Comhairle Baile Dhùn Èideann agus an Oilthigh.

Sgrùdadh-cùise

Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann

Air a stèidheachadh ann an 2014, tha Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann na chomharrachadh air cànan, cultar agus coimhearsnachd na Gàidhlig anns a’ bhaile. Le tachartasan a’ gabhail a-steach filmichean, cuairtean coiseachd, agus taisbeanaidhean ioma-chànanach de sgeulachdan, òrain is bàrdachd, tha Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann air a cumail leis an Oilthigh ann an co-obrachadh le Comhairle Baile Dhùn Èideann agus Capital Gaelic, agus bidh i a’ ruith aig an aon àm ri Seachdain Ghàidhlig an t-saoghail, a chaidh a stèidheachadh ann an 2021. 

 

’S e pròiseact ùr innleachdach a th’ ann an Capital Gaelic a’ toirt còmhla buidhnean ionadail is nàiseanta air feadh Dhùn Èideann, a’ gabhail a-steach Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, agus Comunn na Gàidhlig, gus a’ Ghàidhlig a chur air adhart sa bhaile.