Gàidhlig air an Àrainn

Ar prionnsapal agus geallaidhean airson Gàidhlig air an Àrainn.

Prionnsapal

Cleachdaidh sinn dòigh-obrach thar-oilthighe gus piseach a thoirt air faicsinneachd, cleachdadh agus ìomhaigh na Gàidhlig thar ar n-àrainnean. 

Ar Geallaidhean
  1. Lìbhrig am Plana Gàidhlig seo, air a stiùireadh leis an Oifigear Gàidhlig le taic bho Bhuidheann-obrach a’ Phlana Ghàidhlig. 
  2. Cùm oirnn a’ cur air adhart cleachdadh suaicheantas Gàidhlig an Oilthighe agus rannsaich an roghainn airson suaicheantas dà-chànanach. 
  3. Solaraich agus cuir air adhart goireas airson barrachd faicsinneachd agus cleachdadh na Gàidhlig ann an siostaman an Oilthighe agus air làrach-lìn an Oilthighe. 
  4. Cleachd a’ Ghàidhlig ann an cuirmean fàilte is ceumnachaidh. 
  5. Taisbean soidhnichean is sgrìonaichean fàilte sa Ghàidhlig agus cuir air adhart cleachdadh na Gàidhlig ann an soidhnichean dà-chànanach air togalaichean ùra agus ath-leasaichte an Oilthighe. 
  6. Deasaich cunntas aig àrd-ìre san Oilthigh air cleachdadh, ionnsachadh agus teagasg na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach suirbhidh luchd-obrach agus oileanaich air na comasan Gàidhlig aca. 
  7. Lean air adhart a’ cumail agus a’ cur ri stuthan Gàidhlig ann am bùth Oilthigh Dhùn Èideann. 
People talking in 50 George Square.
Luchd-amhairc a' cabadaich ro Chuir air Bhog "A' Ruith Eadar Dà Dhràgon" le Màrtainn Mac an t-Saoir ann an 50 Ceàrnag Sheòrais.

Sgrùdadh-cùise

Cearcallan Còmhraidh

Tha na cearcallan còmhraidh Gàidhlig againn a’ tabhann chothroman neo-fhoirmeil do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig bho air feadh Dhùn Èideann agus an t-saoghail a thighinn còmhla agus a’ Ghàidhlig a chleachdadh. Tha an cearcall còmhraidh cunbhalach againn Diardaoin fhathast ag obair air-loidhne, a’ cur fàilte air luchd-labhairt na Gàidhlig bho cho faisg ri Lìte, Liberton agus Leòdhas agus cho fada air falbh ri Melbourne, Toronto agus Buenos Aires. 

 

Bidh an t-Oilthigh cuideachd a’ cumail cearcall còmhraidh Gàidhlig aghaidh ri aghaidh tron teirm ann an co-obrachadh le Capital Gaelic, a’ toirt àite coinneachaidh do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san sgìre agus a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann.