Oifigear na Gàidhlig

Bidh Oifigear Gàidhlig an Oilthigh ag obair airson cleachdadh, ionnsachadh agus faicsinneachd na Gàidhlig a bhrosnachadh aig an Oilthigh.

Dh’fhastaich an t-Oilthigh Oifigear Gàidhlig airson a’ chiad turas ann an 2013. Bidh an t-oifigear a’ brosnachadh iomairtean agus tachartasan ceangailte ris a’ Ghàidhlig agus a’ togail aire mun Ghàidhlig agus mu chultar na Gàidhlig air feadh an Oilthigh, agus bidh an t-oifigear a’ cur an gnìomh gealltanasan Plana Gàidhlig an Oilthigh.

Isla Parker

Oifigear na Gàidhlig

  • Oilthigh Dhùn Èideann

Contact details