Mar bhuidheann eadar-nàiseanta le ceangalan catharra gun samhail, tha sinn ag aithneachadh nan dleastanasan a th’ oirnn a thaobh cleachdadh, ionnsachadh, agus faicsinneachd na Gàidhlig, aon de chànanan dùthchasach beò na h-Alba, a bhrosnachadh, gu h-ionadail, gu nàiseanta agus air feadh na cruinne. Tha mi fìor thoilichte Plana Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann 2025-2030 a chur air ur beulaibh. Ged nach eil ann an seo ach an treas Plana Gàidhlig againn, tha a’ Ghàidhlig air a bhith na pàirt den sgeulachd againn aig Oilthigh Dhùn Èideann o chionn fhada. Stèidhich sinn a’ chiad Chathair na Ceiltis ann an Alba ann an 1882 agus ’s e an Comann Ceilteach, a chaidh a stèidheachadh ann an 1837, an comann oileanach as fhaide saoghal ann an Dùn Èideann. Tha sinn moiteil às an adhartas a rinn sinn thairis air an dà Phlana Ghàidhlig a bh’ againn roimhe, a’ cur ri ar fòcas fhèin air Dleastanas Sòisealta agus Catharra mar a tha air a mhìneachadh nar Ro-innleachd 2030 agus ris na h-amasan nas fharsainge aig Riaghaltas na h-Alba agus a’ chomainn chatharra gus an cànan a dhìon agus a bhrosnachadh. An t-Ollamh Kim Graham, Pròbhaist an Oilthighe Tron sgrìobhainn seo, tha sinn a’ toirt luaidh air sgrùdaidhean cùise agus sgeulachdan bho ar coimhearsnachd, a’ sealltainn cuid de na prìomh gheallaidhean a choilean sinn thar nan deich bliadhna a dh’fhalbh mar phàirt den ro-innleachd Ghàidhlig againn. Ged a tha sinn moiteil às an adhartas a rinn sinn gu ruige seo, tha sinn mothachail gu bheil barrachd obrach a dhìth gus àm ri teachd na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte ann an Alba. Mar bhuidheann a tha air a bhith a’ cur ri eòlas mun Ghàidhlig agus a cultar airson ùine mhòr, tha sinn làn dhealasach gus taic a thoirt do dh’oidhirpean nàiseanta air sgàth a’ chànain agus tha sinn den bheachd gun urrainn do dh’Oilthigh Dhùn Èideann tabhartas gun samhail a dhèanamh sa chùis. Mar sin, togaidh buileachadh a’ Phlana Ghàidhlig ùr seo air na choilean sinn roimhe le aire shònraichte air: cumail suas rannsachadh aig ìre cruinne agus teagasg is ionnsachadh ùr-ghnàthach a bheir taic agus brosnachadh don Ghàidhlig; ar sàr thasglannan agus cruinneachaidhean Gàidhlig a dhìon agus a dhèanamh ruigsinneach; coimhearsnachd ghnìomhach àrach de luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air na làraich againn agus air an taobh a-muigh; agus, ìomhaigh agus mothachadh air a' Ghàidhlig a thogail air feadh an Oilthighe. Tha am plana seo na fhianais air na tha an t-Oilthigh a’ dèanamh gus àite na Gàidhlig a dhaingneachadh ann an Alba agus beatha ar luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh Gàidhlig a dhèanamh nas saidhbhire, a bharrachd air an iomadh oileanach agus neach-obrach eile againn, le bhith a’ cruthachadh barrachd chothroman a bhith a’ cleachdadh no a’ dol an sàs anns a’ chànan agus a cultar. Tapadh leibh airson an ùine a ghabhail gus am plana seo a leughadh, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ribh. An t-Ollamh Kim Graham, Pròbhaist an Oilthighe Ar Prionnsapalan airson na Gàidhlig This article was published on 2024-10-29