Còig prionnsapalan a fhreumhaicheas a’ Ghàidhlig ann an cleachdadh an Oilthighe. Leanaidh sinn oirnn a’ lìbhrigeadh, ag adhartachadh, agus a’ leudachadh ar cothroman airson ionnsachadh fad-beatha mu chànan is cultar na Gàidhlig, agus a’ toirt taic do theagasg aig an Oilthigh.Bidh sinn ag adhartachadh agus a’ dìon nan sàr chruinneachaidhean Gàidhlig againn, agus gan dèanamh ruigsinneach, agus bheir sinn brosnachadh is taic do rannsachadh Gàidhlig aig an Oilthigh.Bidh sinn a’ brosnachadh agus ag àrach coimhearsnachd thaiceil agus ghnìomhach de luchd-labhairt na Gàidhlig aig an Oilthigh agus san sgìre mun cuairt. Cleachdaidh sinn dòigh-obrach thar-oilthighe gus piseach a thoirt air faicsinneachd, cleachdadh agus ìomhaigh na Gàidhlig thar ar n-àrainnean.Cumaidh sinn oirnn a’ sireadh chothroman airson obair com-pàirteachais agus ag adhartachadh an Oilthighe mar ionad airson cleachdadh, teagasg agus rannsachadh na Gàidhlig.Tha sreath de gheallaidhean nam bunait aig gach aon de na còig prionnsapalan nar dreachd Phlana Gàidhlig. Cèilidh a' Chomainn Cheiltich airson Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann ann an Greyfriars Charteris Centre. Teagasg agus Ionnsachadh na Gàidhlig This article was published on 2024-10-29