Coimhearsnachd na Gàidhlig

Ar prionnsapal agus geallaidhean airson Coimhearsnachd na Gàidhlig.

Prionnsapal 

Bidh sinn a’ brosnachadh agus ag àrach coimhearsnachd thaiceil agus ghnìomhach de luchd-labhairt na Gàidhlig aig an Oilthigh agus san sgìre mun cuairt.  

Ar Geallaidhean
  1. Cuir air adhart, leasaich, agus thoir taic don iomairt Ar Fàrdach gus an urrainn do dh’oileanaich aig a bheil Gàidhlig an cànan a chleachdadh gach latha san dachaigh aca. 
  2. Leasaich siostam taice cho-oileanach do dh’oileanaich aig a bheil Gàidhlig no a tha ag ionnsachadh Gàidhlig ann an Taigh Mhoireibh, Ceiltis is Eòlas na h-Alba, agus Ionad an Fhoghlaim Fhosgailte. 
  3. Obair ann an com-pàirteachas le buidhnean oileanach, a’ brosnachadh barrachd cleachdadh is faicsinneachd na Gàidhlig ann an togalaichean is gnìomhan Comann Oileanach Oilthigh Dhùn Èideann, agus cùm suas ar dlùth dhàimh le agus thoir taic do ghnìomhan Comann Ceilteach Oilthigh Dhùn Èideann. 
  4. Leasaich cothroman bogaidh Gàidhlig dhaibhsan aig a bheil Gàidhlig no a tha ga h-ionnsachadh gus an urrainn dhaibh dàimhean a thogail tro mheadhan na Gàidhlig. 
  5. Cùm suas agus lean air adhart a’ brosnachadh sgeama an Sgrìobhadair Ghàidhlig air Mhuinntireas. 
  6. Rannsaich agus leasaich cothroman airson oileanaich is luchd-obrach a bhrosnachadh agus a chuideachadh gus cleachdadh na Gàidhlig adhartachadh gu h-ionadail, gu nàiseanta agus air feadh na cruinne tro sgeama Duais Ghàidhlig Dhùn Èideann no sgeama Tosgaire na Gàidhlig. 
  7. Cleachd na meadhanan sòisealta, cuairt-litrichean, agus na duilleagan Gàidhlig air làrach-lìn an Oilthighe gus mothachadh mun Ghàidhlig a bhrosnachadh agus a thogail air feadh an Oilthighe agus sa choimhearsnachd san fharsaingeachd. 
  8. Thoir cothrom do ar ceumnaichean aig a bheil Gàidhlig dlùth dhàimh a chumail ris an Oilthigh. 
Martin MacIntyre telling a story at storytelling night.
A' chiad Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas againn, Màrtainn Mac an t-Saoir, ag innse sgeul aig Guid Crack, oidhche nan sgeulachdan, air a chumail le Ionad Nàiseanta nan Sgeulachdan airson Seachdain na Gàidhlig.

Sgrùdadh-cùise

Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas

Air a stèidheachadh ann an 2022, tha sgeama Sgrìobhadair Gàidhlig an Oilthigh ag amas air sgrìobhadh sa Ghàidhlig a bhrosnachadh agus a chur air adhart air feadh an Oilthighe agus nas fhaide a-muigh. Tha an dreuchd a’ toirt cothrom do sgrìobhadairean obair chruthachail a leasachadh rè na h-ùine dà bhliadhna aca agus a bhith ag obair còmhla ris an luchd-obrach againn, oileanaich, agus a’ choimhearsnachd ionadail gus sgrìobhadh a bhrosnachadh tro bhùthan-obrach agus tachartasan. 

 

Chaidh an t-ùghdar, bàrd, agus sgeulaiche cliùiteach, Màrtainn Mac an t-Saoir, ainmeachadh mar a’ chiad Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas aig an Oilthigh ann an 2022.