Tha pàilteas de stuthan prìseil Gàidhlig aig an Oilthigh. Tasglann Sgoil Eòlas na h-Alba Chaidh Sgoil Eòlas na h-Alba a stèidheachadh ann an 1951 aig Oilthigh Dhùn Èideann airson stuthan ceangailte ri cultar agus dualchas na h-Alba a chruinneachadh, a ghlèidheadh, a rannsachadh agus fhoillseachadh. Tobar an Dualchais / Kist O Riches Tha barrachd is 40,000 chlàran-fuaim air an làraich-lìn seo a chaidh a chlàradh ann an Alba agus nas fhaide air falbh, bho na 1930an agus air adhart. A' Cholaiste Ùr 'S e fear dhe na leabharlannan diadhaireach as motha san Rìoghachd Aonaichte a th' ann an Leabharlann na Colaiste Ùire, agus tha iomadach leabhraichean Gàidhlig na bhroinn. This article was published on 2024-10-29