Innsidh oileanaich, luchd-obrach, agus muinntir na coimhearsnachd dhuinn mun eòlas aca air a' Ghàidhlig aig an Oilthigh. MirinOileanach | CeiltisChuir mi romham ceum ann an Ceiltis a dhèanamh às dèidh dhomh Gàidhlig a thaghadh mar chùrsa a bharrachd. Dh’fhosgail a’ Ghàidhlig mòran chothroman dhomh. Tha mi air a bhith nam phàirt dhen Chomann Cheilteach fad trì bliadhnaichean, agus, a-nis, is mise an Ceannard. Tha mi cinnteach gum bi Gàidhlig na pàirt mhòr nam bheatha às dèidh an Oilthighe. Tha obair Ghàidhlig agam an-dràsta agus tha mi airson cumail orm ag obair ann an saoghal na Gàidhlig san àm ri teachd. Ceiltis is Eòlas na h-Alba Kyriakos Ball na coimhearsnachdThòisich mi a’ dol gu Cearcall Còmhraidh a stèidhich Sgoil Eòlas na h-Alba o chionn fhada, agus tha mi fhathast a’ leantainn orm leis air-loidhne. Nuair a stèidhich Màrtainn Mac an t-Saoir Buidheann Sgrìobhaidh, mar Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas, ’s e cothrom air leth a bh’ ann. Bha e cho cuideachail agus brosnachail. Rinn mi mòran adhartais air dàin air an robh mi a’ smaointinn rè ùine fhada. Tha na cothroman seo prìseil gu h-àraidh do luchd-ionnsachaidh. Cearcall Còmhraidh JonathanCeumnaiche | Foghlam le GàidhligBha Gàidhlig na pàirt mhòr de mo chùrsa agus chòrd na h-òraidean Gàidhlig rium gu mòr. On Oilthigh, thòisich mi ag obair mar Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig aig carthannas nàiseanta. Ma tha thu ag iarraidh obair ann an saoghal na Gàidhlig, tha an t-uabhas de chothroman ann. Thug na seirbhisean aig an Oilthigh agus tachartasan sa choimhearsnachd, leithid Bothan Dhùn Èideann, buaidh mhòr orm agus air mo mhiann gus barrachd Gàidhlig ionnsachadh. Foghlam le Gàidhlig Hanna Neach-obrachTha mi nam Chomhairliche Oileanach airson a’ phrògram MA ann am Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig. Ann an 2024, thòisich mi ag ionnsachadh Gàidhlig aig Ionad an Fhoghlaim Fhosgailte. Tha mi a’ faireachdainn tòrr nas ceangailte ris a’ phrògram Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig agus tha mi air a bhith comasach air taic nas fheàrr a thoirt don luchd-obrach agus na h-oileanaich aige. Bha e uabhasach math cuideachd ceangal a dhèanamh ri co-obraichean eile aig a bheil Gàidhlig air feadh an Oilthighe. ’S e mo phlana cumail orm ag ionnsachadh gus am bi mi fileanta!Gàidhlig aig Ionad an Fhoghlaim Fhosgailte This article was published on 2024-12-05