Thèid am Plana Gàidhlig seo a lìbhrigeadh thar 2025-2030 agus, mar phlana thar-Oilthighe, bidh e ag iarraidh air a’ bhuidhinn air fad cumail ris na geallaidhean seo. Bidh an t-uallach iomlan air Buidheann Obrach a’ Phlana Ghàidhlig (GPWG) airson a’ phlana seo a bhuileachadh agus bheir iad taic agus stiùireadh don Oifigear Ghàidhlig, air am bi uallach airson a bhuileachadh bho latha gu latha. Leis an Leas-stiùiriche – Dàimhean Luchd-ùidhe anns a’ chathair, tha an GPWG air a dhèanamh suas de riochdairean bho thaobhan acadaimigeach agus seirbheisean proifeasanta an Oilthighe, agus tha riochdaire ann bho Chomann Oileanach Oilthigh Dhùn Èideann. Bidh an GPWG, an uair sin, ag aithris air adhartas leis a’ Phlana Ghàidhlig don Chomataidh Seasmhachd agus Uallaich Chatharra is Shòisealta (no a' chomataidh iomchaidh a thig às a dèidh) gach bliadhna, no mar a thèid iarraidh. Buidheann Obrach a’ Phlana Ghàidhlig Gus amasan a’ phlana seo a thoirt gu buil, nì sinn cinnteach gu bheil goireasan agus maoineachadh iomchaidh ann airson na geallaidhean a choileanadh, a’ gabhail a-steach dreuchd Oifigear Gàidhlig a chumail a’ dol agus rannsachadh dè an stòras a bharrachd a dh’fhaodadh a bhith riatanach gus taic a thoirt don obair aca agus do na geallaidhean san fharsaingeachd. Leanaidh sinn oirnn a’ sgrùdadh agus ag adhartachadh geallaidhean a’ phlana seo agus bidh sinn cunntachail don luchd-obrach againn, do na h-oileanaich agus don choimhearsnachd ionadail. Gus an t-amas seo a choileanadh, nì sinn na leanas: Foillsichidh sinn am plana seo gu farsaing am measg luchd-obrach agus oileanaich. Thèid plana buileachaidh nas mionaidiche a leasachadh agus thèid seo a chleachdadh leis an fheadhainn le dleastanasan buileachaidh. Nì sinn sgrùdadh air ballrachd an GPWG gus dèanamh cinnteach gum bi riochdachadh bho phrìomh luchd-ùidhe an sàs ann an lìbhrigeadh a’ phlana seo. Thèid fiosrachadh agus fios conaltraidh buill an GPWG fhoillseachadh.Cleachdaidh sinn na dòighean conaltraidh Gàidhlig sònraichte againn gus ar gnìomhachd agus adhartas air ar Plana innse don luchd-obrach, oileanaich agus a’ choimhearsnachd. Nì sinn measadh air buaidh ar pròiseactan agus ar geallaidhean le bhith a’ cumail sùil air àireamhan frithealaidh is com-pàirteachaidh aig tachartasan Gàidhlig, cothroman ionnsachaidh is trèanaidh, agus gnìomhachd mheadhanan sòisealta, agus dòighean measaidh eile mar a thèid a shònrachadh sa phlana buileachaidh. Cuairt Ghàidhlig ann an Dùn Èideann le Invisible Cities airson Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann. Isla Parker Oifigear na Gàidhlig Dàimh Luchd-ùidhe Conaltradh is Margaidheachd Contact details Email: isla.parker@ed.ac.uk Ar Coimhearsnachd This article was published on 2024-10-29