Tha Dùn Èideann ainmeil mar bhaile àlainn làn chultar. Am measg a’ bheartais seo, tha e doirbh aig amannan tachartasan agus seirbheisean Gàidhlig a lorg. Tha a’ bhileag seo ag amas air am fiosrachadh seo a chur ann an aon àite. Tha sinn an dòchas gun cleachd luchd na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh, agus luchd-turais a’ bhileag seo airson eòlas nas fheàrr a chur air Dùn Èideann nan Gàidheal agus air àite na Gàidhlig sa bhaile againn.Tha a’ bhileag seo air a chur air dòigh le Oilthigh Dhùn Èideann, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.Tha na buidhnean sa bhileig air fiosrachadh a chur thugainn mu na gnìomhan aca fhèin. Tha sinn a’ toirt taing dhan a h-uile duine a chuir taic thugainn airson a’ bhileag seo a chur air dòigh. Cha robh e air a bhith comasach a dhèanamh às aonais mòran charaidean. ’S e baile mòr Dhùn ÈideannA b’ èibhinn leam bhith ann,Àite fialaidh farsaing,A bha tlachdmhor anns gach ballDonnchadh Bàn Mac an t-Saoir1724-1812Airson barrachd lethbhreacan den bhileig fhaighinn no ma tha ceist sam bith agad, cuir fios gu Oifigear Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann.Cuir fios gu Oifigear na Gàidhlig This article was published on 2024-10-29