Fiosrachadh mu bhuidhnean Gàidhlig ann an Dùn Èideann C-E. Tha na buidhnean sa bhileig air fiosrachadh a chur thugainn mu na gnìomhan aca fhèin. Tha sinn a’ toirt taing dhan a h-uile duine a chuir taic thugainn airson a’ bhileag seo a chur air dòigh. Cha robh e air a bhith comasach a dhèanamh às aonais mòran charaidean. Còisir Dhùn Èideann ’S e leabhar geàrr-chunntasan bhon Iuchar 1907 a’ chiad rud sgrìobhte a th’ ann mun chòisir. ’S e an t-amas a bh’ aig a’ chòisir riamh a bhith a’ brosnachadh na Gàidhlig tro cheòl còisireil – agus chan ann a-mhàin tro cho-fharpaisean a’ Mhòid Nàiseanta. Bidh a’ chòisir cuideachd a’ cur bhùithtean-obrach air dòigh airson seinn aonfhuaimneach, a’ gabhail ri cuiridhean airson seinn gu poblach, agus bho chionn ghoirid tha iad air seinn aig bogaidhean leabhair agus tachartasan carthannais, agus bidh tìde daonnan ann airson tachartasan sòisealta do na buill cuideachd. Làrach-lìn Coisir-DhunEideann@hotmail.co.uk Facebook Twitter Còisir Ghàidhlig Lodainn Tha a’ chòisir a’ toirt seachad cothrom airson a bhith ag ionnsachadh agus a’ taisbeanadh cultar agus dualchas ciùil na Gàidhlig le bhith a’ seinn agus a’ taisbeanadh ceòl còisireil na Gàidhlig. Tha diofar ìrean de Ghàidhlig aig buill na còisir bho luchd-tòiseachaidh gu daoine aig a bheil i bhon ghlùin, agus bidh a’ chòisir a’ cuideachadh gach ball gus an cànan ionnsachadh agus gus an tuigse aca air a’ chànan a thoirt air adhart. Mar as trice, thèid a’ chòisir dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail a bharrachd air a bhith a’ gabhail pàirt ann am Mòdan Ionadail nas lugha agus ann an cuirmean eile ann an Dùn Èideann agus nas fhaide air falbh. Bidh a’ chòisir a’ coinneachadh a h-uile seachdain gus a dhol thairis air na h-òrain aca agus tha fàilte daonnan air buill ùra – cuir brath thugainn airson barrachd fiosrachaidh. Làrach-lìn lothiangaelicchoir@hotmail.co.uk Facebook Colaiste Abaid a' Bhatail Nuaidh Bidh Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh a’ toirt seachad: Cùrsaichean Gàidhlig air-loidhne an-asgaidh do luchd-tòiseachaidh agus luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach iomadh uair tron bhliadhna acadaimigich. Cùrsa làn-thìde (aon bhliadhna) – Inntrigeadh do dh’Fhoghlam Àrd-ìre (SWAP): Ceiltis Pròiseact Gàidhlig nan Tràth-bhliadhnaichean – ag amas air daoine aig a bheil Gàidhlig mar-thà, ge b’ e a bheil iad nan luchd-ionnsachaidh no fileanta. Làrach-lìn office@newbattleabbeycollege.ac.uk Facebook Twitter Comhairle Baile Dhùn Èideann Tha dleastanas reachdail air Comhairle Baile Dhùn Èideann plana Gàidhlig fhoillseachadh gach còig bliadhna. Tha am plana 2018 gu 2022 a’ togail air soirbheachas a’ chiad phlana, a thug gu buil: meudachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, bun-sgoil FMG ùr, agus dàimh nas fheàrr le coimhearsnachdan Gàidhlig. Tha cur an dreuchd Oifigear Corporra Leasachadh na Gàidhlig air cuideachadh gus aire a thogail, pàirteachas a bhrosnachadh, agus com-pàirteachasan a thogail. Tha a’ Chomhairle ag amas air ceanglaichean a neartachadh ris a’ choimhearsnachd Gàidhlig, àrainneachd chàirdeil a chruthachadh airson na Gàidhlig agus a cultair, faicsinneachd na Gàidhlig a leudachadh, agus co-obrachadh a leasachadh ri com-pàirtichean agus luchd-ùidh. ann.paterson@edinburgh.gov.uk Comann Earra-Ghàidheal Dhùn Èideann Tha EAA fosgailte do dhaoine à Earra-Ghàidheal agus do dhuine sam bith eile aig a bheil ùidh ann an rud sam bi co-cheangailte ris an sgìre san àm a dh’fhalbh no sa latha an-diugh. Bidh cèilidhean beòthail le ceòl is òrain Ghàidhlig is Beurla Ghallda air an cumail gach mìos eadar an Giblean agus an t-Sultain. Gheibhear fiosrachadh bho Radio nan Gàidheal, na meadhanan ionadail agus Tìm an Òbain. Faigh tlachd à ceòl is òrain bho mhuinntir an àite, sean is òg: seinn aon-neach, buidhnean agus còisirean. Mar as trice bidh còmhlan a’ ciallachadh dannsa no dhà. Tha fàilte air daoine san èisteachd òran a ghabhail, an dà chuid muinntir an àite agus luchd-turais a tha cho pailt aig na cèilidhean. A rèir coltais, seo as motha a chòrdas ri cuid aca air na làithean saora aca air fad! tam.burke@mypostoffice.co.uk Comann nam Pàrant (Dùn Èideann & Lodainn) ’S e Comann nam Pàrant a’ bhuidheann riochdachaidh airson pàrantan is luchd-cùraim aig clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Dùn Èideann aig a h-uile ìre. Tha i na buidheann shaor-thoileach stèidhichte a tha air a ruith le comataidh shaor-thoileach de phàrantan. Bidh a’ bhuidheann a’ cumail choinneamhan fosgailte gu cunbhalach airson pàrantan far am bithear a’ bruidhinn air cuspairean co-cheangailte ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus ri brosnachadh is leasachadh na Gàidhlig. Faodaidh sibh fo-sgrìobhadh a dhèanamh airson cuairt-litrichean air an làraich-lìn. Làrach-lìn Comunn na Clàrsaich Tha Comunn na Clàrsaich air a bhith a’ brosnachadh cluich na clàrsaich, an t-inneal ciùil as sine ann an Alba, bho 1931. Co-cheangailte ris a’ Mhòd bho chaidh a stèidheachadh, tha eachdraidh fhada aig a’ Chomunn ann a bhith a’ brosnachadh na Gàidhlig, a ceòl, agus a cultar: gach cuid tron lìonra de 13 meòir aige agus tron phrìomh thachartas bliadhnail aige, Fèis Clàrsaich Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann. Tha ballrachd fosgailte do na h-uile, agus ’s e meur Dhùn Èideann aon de na meòir as trainge, a’ cur choinneamhan cunbhalach agus tachartasan sònraichte air dòigh. Comann na Clàrsaich Fèis Eadar-nàiseanta Clàrsach Dhùn Èideann office@clarsachsociety.co.uk Facebook Comunn Tìr nam Beann Chaidh Comann Tìr nam Beann Dùn Èideann a stèidheachadh ann an 1920 leis an amas a bhith a’ brosnachadh, ag ath-bheòthachadh agus a’ glèidheadh na Gàidhlig agus cleachdaidhean Gàidhealach, a’ gabhail a-staigh sgilean, obair ciùird agus curseachadan Gàidhealach bhon àm a dh’fhalbh a tha a’ crìonadh. Thèid cèilidhean traidiseanta a chumail air a’ chiad Disathairne den mhìos (eadar an Dàmhair agus an Giblean ach a-mhàin san Fhaoilleach). Tha seo a’ gabhail a-steach prògram farsaing de sheinneadairean Gàidhlig is Beurla Ghallda agus de luchd-ciùil, agus bithear a’ brosnachadh cluicheadairean òga gu bhith a’ leantainn an dualchais Ghàidhealaich. Faic na meadhanan ionadail agus Radio nan Gàidheal airson barrachd fiosrachaidh. tam.burke@mypostoffice.co.uk Facebook Eaglais nam Manach Liath Thèid seirbheis Ghàidhlig a chumail ann an Eaglais nam Manach Liath gach Latha na Sàbaid aig 12.30f. Tha an Eaglais na pàirt de dh’Eaglais na h-Alba, ach thathar a’ cur fàilte air daoine à traidisean sam bith. Làrach-lìn gaelic@greyfriarskirk.com Facebook Twitter Eaglais Shaor Chaluim Chille Bidh Eaglais Chaluim Chille a’ cumail seirbheis Gàidhlig gach mìos eadar an t-Sultain agus an t-Ògmhios ann an talla na h-eaglaise san Lawnmarket. Bidh seirbheisean a’ tòiseachadh aig 3f le tì is cofaidh rim faighinn às dèidh làimh. Bidh Eaglais Chaluim Chille a’ cumail liosta sgaoilidh puist-d do dhaoine a bhios a’ tighinn do na seirbheisean agus is urrainn dhut fo-sgrìobhadh ma tha thu airson cluinntinn mu sheirbheisean a tha gu bhith ann. Office@stcsfc.org This article was published on 2024-10-29