Tha Oilthigh Dhùn Èideann a’ toirt taic-airgid seachad tron sgeama seo gus taic a thoirt do dh’oileanaich an Oilthigh a tha airson amasan Plana Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann 2019-24 a choileanadh. Image Ceann-latha airson iarrtasan Tha an sgeama dùinte. Bidh e fosgailte a-rithist nuair a bhios an taic-airgid air aontachadh airson na bliadhna. Airidheachd Oileanaich fa leth no comainn aig Oilthigh Dhùn Èideann Ìre iarrtasan £50-£100 Cànan Gheibhear iarrtasan ann an Gàidhlig, Beurla no an dà chànan. Amasan an sgeama Thèid pròiseictean am measadh à reir na tomhasan a leanas. Thèid pròiseictean am maoineachadh a: leudachas inbhe na Gàidhlig aig an Oilthigh. chruthachas cothroman gus Gàidhlig a chleachdadh aig an Oilthigh. chruthachas no neartachas ceangalan ri buidhnean coimhearsnachd. tha ùr, ùr-ghnàthach, no a chuireas ri tachartas no pròiseict gus na h-amasan gu h-àrd a choileanadh. Bidh pròiseactan soirbheachail a chleachdas am maoineachadh a th' ann san dòigh às èifeachdaich. Bu chòir tagraichean a bhith soilleir mu ciamar a choileanas am pròiseact amasan an sgeama agus mu chomasan an tagraiche airson am pròiseact a thoirt gu buil. Bu chòir foirmichean iarrtais a bhith soilleir agus glan. Thèid foirmichean-iarrtais am measadh le panail, air a bheil riochdairean bho Bhuidheann Rùnaire an Oilthigh agus Ceiltis & Eòlas na h-Alba. Document Foirm Iarrtais STAG Application Form (440.77 KB / PDF) a' Bh-uas Bria Mason Oifigear na Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann Contact details Work: 0131 650 2876 Email: bria.mason@ed.ac.uk Read this page in English. This article was published on 2024-10-29