Faodaidh tu Gàidhlig a sgrùdadh mar phàirt dhen fho-cheum agad ann an Ceiltis no Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig. Faodar Gàidhlig a sgrùdadh le oileanaich air cùrsaichean eile mar chùrsa creideis, a rèir faotainneachd. Ceiltis Tha Ceiltis a’ toirt dhut cothrom air leth a bhith ag ionnsachadh mu chultaran, cànanan agus litreachasan dhen dùthchannan Ceilteach bho na Meadhan Aoisean chun an latha an-diugh. Mar phàirt dhen phrògram seo, bidh cothrom agad Gàidhlig na h-Alba ionnsachadh agus comas adhartach a thogail sa chànan. Ceiltis MA (le Urram)Faodaidh tu Ceiltis a sgrùdadh mar phàirt dhen cho-cheum agad còmhla ri cuspairean eile, leithid arc-eòlas, Fraingis agus Cànanachas. Faigh a-mach barrachd fhiosrachaidh mun roghainnean airson co-cheuman gu h-ìosal. Co-cheuman le Ceiltis Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig Tha ar prògram MA againn ann am Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig gad ullachadh gus an curraicealam ro-sgoile agus bun-sgoile air fad a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig, a bharrachd air Beurla.Ro dheireadh a’ phrògraim, chan e a-mhàin gun cuir thu ri solar tidsearan Gàidhlig ann an Alba, a’ dèanamh cinnteach gum bi do dhreuchd seasmhach, ach cuidichidh tu cuideachd gus dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig fhèin seasmhach san àm ri teachd. Tha dà shlighean air a’ phrògram Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig, do luchd-ionnsachaidh agus do fhileantaich. Faigh a-mach barrachd mu na cùrsaichean gu h-ìosal. Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Fileantaich) Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) Gàidhlig mar chùrsa creideis Faodaidh tu Gàidhlig ionnsachadh mar phàirt dhen cheum agad ma tha thu a’ leughadh cùrsa a bharrachd air Ceiltis no Foghlam Bun-sgoile, a rèir faotainneachd.Thoir an aire nach bi Gàidhlig ri faighinn gach bliadhna. Tha Gàidhlig cuideachd ga teagasg le Ionad an Fhoghlaim Fhosgailte mar chùrsa goirid. Faigh a-mach barrachd mu na cùrsaichean goirid agus cùrsaichean creideis gu h-ìosal. Cùrsaichean Gàidhlig This article was published on 2025-07-02