Tha diofar chùrsaichean goirid agus cùrsaichean creideis rin lorg sa Ghàidhlig aig an Oilthigh airson muinntir na coimhearsnachd cho math ri oileanaich agus luchd-obrach. Tha cùrsaichean goirid aig Ionad an Fhoghlaim Fhosgailte rim faighinn sa Ghàidhlig airson muinntir na coimhearsnachd, oileanaich agus luchd-obrach. A rèir faotainneachd, tha cothrom aig oileanaich gus Gàidhlig ionnsachadh air cùrsa creideis mar phàirt dhen cheum aca. Ionnsachadh Fad-bheatha Tha Ionad an Fhoghlaim Fhosgailte (COL) a’ tabhann chùrsaichean Ionnsachaidh Fad-bheatha ann an Gàidhlig san fheasgar aig ìrean tòiseachaidh agus eadar-mheadhanach. A bharrachd air sin, tha an cùrsa Cleachd i ann do dhaoine aig an robh a’ Ghàidhlig agus a tha ag iarraidh tilleadh dhan chànan. Faigh a-mach barrachd mu na cùrsaichean Gàidhlig air làrach-lìn an Ionaid.Cùrsaichean Ionnsachadh Fad-bheatha: Gàidhlig na h-Alba Cùrsaichean Creideis Faodar oileanaich air ceuman eile Gàidhlig a thaghadh mar cùrsa a bharrachd ann am bliadhna a h-aon no a dhà. Tha seo a' ciallachadh gum b' urrainn dhaibh Gàidhlig a sgrùdadh airson creideis - mar cùrsa roghainneil - ro na bliadhnaichean urraim dhen fho-cheum aca, a rèir a' chlàr-ama aca. Mar as trice, tha cùrsaichean ann airson luchd-tòiseachaidh cho math ri oileanaich le beagan eòlais air a' chànan (airson 40 creideas). A bharrachd air sin, tha cùrsa-inntrigidh (20 creideas) ann air Cànan is Cultar na Gàidhlig. Cùrsaichean a bharrachd ann an litreachas, cànanan agus cultaran Blasad agus Eòlas air a’ Ghàidhlig Bho àm gu àm, bidh an oifis Ghàidhlig aig an Oilthigh air neo Ionad an Fhoghlaim Fhosgailte a’ ruith clasaichean blasad Gàidhlig. Cùm sùil air an duilleagan againn air na meadhanan sòisealta airson fiosrachadh mun ath chlas. Ma tha thu nad neach-obrach aig an Oilthigh agus thu airson clas no bùth-obrach blasad Gàidhlig a ruith san Roinn agad air neo mar phàirt dhen latha-trèanaidh agad, cuir fios thugainn. Mar deidhinn agus cuir fios thugainn This article was published on 2025-07-02