Tha diofar chùrsaichean goirid agus cùrsaichean creideis rin lorg sa Ghàidhlig aig an Oilthigh airson muinntir na coimhearsnachd cho math ri oileanaich agus luchd-obrach. Tha cùrsaichean goirid aig Ionad an Fhoghlaim Fhosgailte rim faighinn sa Ghàidhlig airson muinntir na coimhearsnachd, oileanaich agus luchd-obrach. A rèir faotainneachd, tha cothrom aig oileanaich gus Gàidhlig ionnsachadh air cùrsa creideis mar phàirt dhen cheum aca. Ionad an Fhoghlaim Fhosgailte Tha Ionad an Fhoghlaim Fhosgailte (COL) a’ tabhann chùrsaichean goirid ann an Gàidhlig san fheasgar aig ìrean tòiseachaidh agus eadar-mheadhanach. A bharrachd air sin, tha an cùrsa Cleachd i ann do dhaoine aig an robh a’ Ghàidhlig agus a tha ag iarraidh tilleadh dhan chànan. Faigh a-mach barrachd mu na cùrsaichean Gàidhlig air làrach-lìn an Ionaid. Cùrsaichean Gàidhlig aig COL Cùrsaichean Goirid aig COL Cùrsaichean Creideis Ma tha thu nad oileanach agus thu ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh mar phàirt dhen cheum agad, tha cùrsaichean creideis rim faighinn airson oileanaich aig an Oilthigh. Cha bhi na cùrsaichean creideis sa Ghàidhlig a’ ruith gach bliadhna. Thoir sùil air na cùrsaichean cànain uile gu h-ìosal. Cùrsaichean Creideis Cùrsaichean Creideis aig COLBlasad agus Eòlas air a’ Ghàidhlig Bho àm gu àm, bidh an oifis Ghàidhlig aig an Oilthigh air neo Ionad an Fhoghlaim Fhosgailte a’ ruith clasaichean blasad Gàidhlig. Cùm sùil air an duilleagan againn air na meadhanan sòisealta airson fiosrachadh mun ath chlas. Ma tha thu nad neach-obrach aig an Oilthigh agus thu airson clas no bùth-obrach blasad Gàidhlig a ruith san Roinn agad air neo mar phàirt dhen latha-trèanaidh agad, cuir fios thugainn. Mar deidhinn agus cuir fios thugainn This article was published on 2025-07-02