Prògram Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid 2026 ga chur air bhog

Bidh am fèill a' gabhail àite ann an Dùn Èideann fad ceithir làithean eadar 29 Am Faoilleach agus 1 An Gearran 2026, a' toirt còmhla òraidean, bùithtean-obrach, ceòl agus còmhradh.

Read in English

Air a thoirt thugaibh leis a' Chomunn Ghàidhealach, Oilthigh Dhùn Èideann, Bothan Dhùn Èideann agus Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann, tha am fèill am-bliadhna-sa a' tabhann prògram làn de chànan, cultar, agus ceòl na Gàidhlig. 

O chionn 30 bliadhna bhon a bhàsaich an t-sàr-bhàrd, Somhairle MacGill-Eain, bidh litreachas agus ceòl Gàidhlig, san latha a dh'fhalbh, an latha a th' ann, agus san àm ri teachd, fon phrosbaig aig an fhèill am-bliadhna-sa. 

Slighe Fonn na Bàrdachd 

Bidh am fèill a' tòiseachadh le Òraid Bhliadhnail Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid air Diardaoin 29 Am Faoilleach, air a lìbhrigeadh leis an t-seinneadair agus ceòladair, Màiri Challan. 

'S e ceumnaiche Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann am Màiri agus choisinn i Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis ann an 2021 agus Bonn Òr an t-Seann Nòis ann an Loch Abar ann an 2025. 

Le bhith a' tarraing air an rannsachadh is cleachdadh-cruthachail aice fhèin, bidh Màiri a' bruidhinn air mar a tha fuinn agus ceòl-taice a' cur ri ruitheam bàrdachd na Gàidhlig agus a' toirt co-theacsa eachdraidheil air ais dha bàrdachd na Gàidhlig. 

Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid 2026

Slighe Fonn na Bàrdachd, air a lìbhrigeadh le Màiri Challan 

19:00, Diardaoin 29 Am Faoilleach 2026

G.01 Davidson Lecture Theatre, 5 Roxburgh Place, Edinburgh 

Bidh an òraid air a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig le eadar-theangachadh mar-aon. 

Bidh bhideo dhen òraid ri fhaighinn air seanail YouTube a' Chomuinn Ghàidhealaich às dèidh làimhe. 

An Comunn Gàidhealach  

Sùil air litreachas, ceòl agus òrain 

Bidh bùithtean-obrach Dihaoine 30 Am Faoilleach a' toirt sùil air dithis ghaisgeach na Gàidhlig: Somhairle MacGill-Eain agus Mairead Fay Seathach. Bidh na bùithtean-obrach a' rannsachadh na h-obrach aca, an dìleab, agus buaidh a thug iad air cànan is cultar na Gàidhlig, agus iad air an stiùireadh le Niall O' Gallagher, Emma Dymock, agus Fiona NicCoinnich, a' toirt còmhla seallaidhean sgoilearach, cruthachail agus practaigeach dha na seiseanan. 

San fheasgar, bidh Bothan Dhùn Èideann a' cumail Oidhche Chiùil is Cultar na Gàidhlig, le ceòl agus seanchas còmhla ri Màrtainn Mac an t-Saoir, Màiri NicIlleMhaoil, Grace Stiùbhart Skinner, agus Claire Frances NicNìll. 

13:00-13:45, Dihaoine 30 Am Faoilleach 2026 

The Project Room, 50 Ceàrnag Sheòrais, Dùn Èideann 

13:00-13:45: Bùth-obrach sgrìobhaidh, còmhla ris an Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas aig Oilthigh Dhùn Èideann, Niall O' Gallagher 

14:00-15:30: Somhairle MacGill-Eain ann an Dùn Èideann, còmhla ri Emma Dymock agus Niall O' Gallagher 

Bha ceangal làidir aig Somhairle MacGill-Eain (1911-1996) ri Oilthigh Dhùn Èideann. Bha e na oileanach an seo, agus thill e ann an 1973 mar a' chiad Sgrìobhadair air Mhuinntireas aig an Oilthigh. Bidh Emma Dymock agus Niall O' Gallagher a' bruidhinn mu a bheatha agus an dìleab aig a' bhàrd anns a' bhaile. 

15:45-16:45: Cadence of a Song, còmhla ri Fiona NicCoinnich 

Bidh Fiona NicCoinnich a' cur air bhog an leabhar ùr aice "Cadence of a Song", a' comharrachadh beatha agus dìleab Mhairead Fay Seathaich.  


19:00-21:30, Dihaoine 30 Am Faoilleach 2026 

The Scottish Storytelling Centre, 43-45 High Street, Dùn Èideann

Oidhche Chiùil is Cultar na Gàidhlig, air a chumail le Bothan Dhùn Èideann 

Ceòl is seanchas còmhla ris a' bhàrd, Màrtainn Mac an t-Saoir, agus ceòladairean Màiri NicIlleMhaoil, Grace Stiùbhart Skinner agus Claire Frances NicNìll. 

Tiocaidean - Bothan Dhùn Èideann 


Tachartasan Cultarail  

Bidh am fèill a' leantainn air Disathairne agus Didòmhnaich. Air Disathairne 31 Am Faoilleach, cumaidh Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann latha choimhearsnachd na Gàidhlig, "Cruinn Còmhla", le clasaichean Gàidhlig, òraid air ainmean-àite ionadail, cafaidh, agus bùithtean-obrach air Gàidhlig agus nàdar còmhla ri Cùm Alba Bòidheach (Keep Scotland Beautiful). 

Air Didòmhnaich 1 An Gearran, bidh seirbheis chuimhneachaidh do dh'Iain MhicLeòid ann an Eaglais nam Manach Liath. 

10:00-16:00, Disathairne 31 Am Faoilleach 2026

Darroch, 7 Gillespie Street, Dùn Èideann EH3 9NH 

Tha am prògram slàn airson an latha ri fhaighinn air làrach-lìn Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann. 

Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann 


12:30-13:30, Didòmhnaich 1 An Gearran 2026

Eaglais nam Manach Liath (Greyfriars Kirk), Edinburgh EH1 2QQ  


Gaisgeach na Gàidhlig 

Chaidh an Òraid Chuimhneachaidh a stèidheachadh ann an 2019, às dèidh dha Iain MacLeòid, seann-cheannard a’ Chomuinn Ghàidhleachaidh, bàsachadh. 

À Leòdhas bho thùs, bha MacLeòid gu mòr an sàs anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Dùn Èideann, ag obair gus an cànan agus a chultar a bhrosnachadh. 

Ann an 1996, thòisich e meur Dhùn Èideann dhen Mhòd a-rithist agus, ann an 2017, chaidh an duais “Sàr Gàidheal” a thoirt dha le Sabhal Mòr Ostaig. 

Tha an sreath de thachartasan seo – air a chur air dòigh le Oilthigh Dhùn Èideann agus An Comunn Gàidhealach – a’ togail air obair MhicLeòid gus cothroman a chruthachadh gus Gàidhlig a chleachdadh anns a’ bhaile mhòr. 

Ceanglaichean feumail 

An Comunn Gàidhealach 

Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann 

Bothan Dhùn Èideann