Coimhearsnachd aig cridhe sreath de thachartasan Gàidhlig

Thèid cànan, coimhearsnachd is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh aig Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid.

Donnchadh MacLeòid aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail.
Bidh Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid 2025 air a lìbhrigeadh leis a' cheumnaiche aig Oilthigh Dhùn Èideann, Donnchadh MacLeòid.

Read in English

Bidh cèilidh, cuairt coiseachd agus bùth-obrach sgrìobhaidh am measg nan tachartasan iomaill a bhios pàirt de dh’Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid, air ainmeachadh às dèidh gaisgeach na Gàidhlig. 

Bidh an Òraid Chuimhneachaidh a’ fosgladh na fèille air Diardaoin 30 Am Faoilleach agus bidh e air a lìbhrigeadh le seinneadair is ceòladair Gàidhlig, Donnchadh MacLeòid. 

Bidh an òraid, a bhios air a lìbhrigeadh anns a’ Ghàidhlig le eadar-theangachadh mar-aon Bheurla, a’ toirt sùil air dè tha crìonadh cànain ag innse dhuinn mun Ghàidhlig. 

Le ceum MA ann an Ceiltis is Cànanachas bho Oilthigh Dhùn Èideann, thòisich Donnchadh agus a phiùthair nas òige, Rona, còmhlan-ciùil agus bidh iad gu tric a’ farpaiseach aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. 

Bidh am prògram de thachartasan culturail a’ gabhail àite eadar Diardaoin 30 Am Faoilleach agus Didòmhnaich 2 An Gearran. 

Bidh na tachartasan fosgailte do gach duine – bho dhaoine a tha glè eòlach air a’ Ghàidhlig dhan fheadhainn a tha ùr dhan a’ chànain is a’ chultar. 

Prògram Tachartasan 

Bidh sreath de thachartasan iomaill às dèidh na h-Òraide Bliadhnail, le bùth-obrach sgrìobhaidh air a chumail le Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas aig Oilthigh Dhùn Èideann, Niall O’ Gallagher, agus cèilidh air Dihaoine 31 Am Faoilleach. 

Am measg nan tachartasan eile thairis air na ceithir làithean, bidh cuairt coiseachd mu Ghàidheil ainmeil ann an Dùn Èideann aig Cladh Dean agus còmhradh panail air Bìle nan Cànan Albannach, a thug inbhe oifigeil dhan Ghàidhlig agus do dh’Albais ann an Alba ann an 2023. 

Thoir sùil air a’ phrògram air fad air làrach-lìn a’ Chomuinn Ghàidhealaich: 

Prògram Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid – An Comunn Gàidhealach 

Gaisgeach na Gàidhlig 

Chaidh an Òraid Chuimhneachaidh a stèidheachadh ann an 2019, às dèidh dha Iain MacLeòid, seann-cheannard a’ Chomuinn Ghàidhleachaidh, bàsachadh. 

À Leòdhas bho thùs, bha MacLeòid gu mòr an sàs anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Dùn Èideann, ag obair gus an cànan agus a chultar a bhrosnachadh. 

Ann an 1996, thòisich e meur Dhùn Èideann dhen Mhòd a-rithist agus, ann an 2017, chaidh an duais “Sàr Gàidheal” a thoirt dha le Sabhal Mòr Ostaig. 

Tha an sreath de thachartasan seo – air a chur air dòigh le Oilthigh Dhùn Èideann agus An Comunn Gàidhealach – a’ togail air obair MhicLeòid gus cothroman a chruthachadh gus Gàidhlig a chleachdadh anns a’ bhaile mhòr. 

Tha An Comunn Gàidhealach air leth toilichte co-obrachadh le Oilthigh Dhùn Èideann uair eile gus Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid a chur air bhonn. Rinn Iain obair ionmholta às leth coimhearsnachd na Gàidhlig an Dùn Èideann is tha an Fhèill na samhla air na rinn e.