Bidh an t-Ollamh Boyd Robertson a’ bruidhinn air cànan is cultar na Gàidhlig ann am foghlam na h-Alba aig Sgoil Foghlaim agus Spòrs Taigh Mhoireibh. Read in English Seallaidh Robertson, a bha na phrionsapal aig Sabhal Mòr Ostaig, an Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, air leasachadh na Gàidhlig mar mheadhan-teagaisg agus nì e sgrùdadh air mar a thàinig fàs air a’ chànan ann an sgoiltean na h-Alba, agus air na dùbhlanan is cothroman do fhoghlam na Gàidhlig san àm ri teachd. Fiosrachadh mun thachartas Bidh an òraid seo a’ gabhail àite air Dimàirt 19 Am Màrt ann an Talla Godfrey Thomson, Tìr Thomson, Sgoil Foghlaim is Spòrs Taigh Mhoireibh, agus air loidhne.Thèid an òraid a lìbhrigeadh sa Bheurla.Tha an tachartas seo saor an asgaidh, ach le tiocaidean.Fo-sgrìobh dhan Òraid Bhliadhnail Tha eòlas farsaing aig an Ollamh Boyd Robertson air trèanadh tidsearan agus leasachadh curraicealaim. A bharrachd air an dreuchd aige aig Sabhal Mòr Ostaig, bha Robertson na thidsear Gàidhlig agus cheannard-sgoile aig Àrd-sgoil an Òbain, na Àrd-òraidiche aig Colaiste Foghlaim agus Spòrs Jordanhill, agus na Reader ann an Gàidhlig aig Oilthigh Srath Chluiadh.Tha Robertson air sgrìobhadh gu farsaigneachd air foghlam Gàidhlig, agus e air a bhith gu mòr an sàs ann an buidhnean-coimhearsnachd Gàidhlig leithid Comhairle nan Leabhraichean, Comunn na Gàidhlig, agus mar bhall de Bhòrd na Gàidhlig, am buidheann-leasachaidh Gàidhlig, suidhichte leis an riaghaltas. Thèid an òraid a chumail aig Taigh Mhoireibh, Sgoil a chaidh ainmeachadh mar an àite as fhèarr airson rannsachadh ann am Foghlam agus Spòrs ann an Research Excellence Framework (REF) 2021 aig Times Higher Education.’S e fear dhe na solaraichean as motha ann an Alba airson tidsearan Gàidhlig a th’ ann an Taigh Mhoireibh. Tha an ceum aca, Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig, a’ tabhann cothrom do fhileantaich agus luchd-tòiseachaidh trèanadh mar thidsearan Gàidhlig.Aig an òraid, bidh an t-Oilthigh cuideachd a’ fosgladh a’ cho-chomhairle aca air a’ Phlana Ghàidhlig ùr 2025-2030. Thèid oileanaich, luchd-obrach, agus muinntir na coimhearsnachd a bhrosnachadh na beachdan aca a thoirt seachad air na gealltanasan san dreachd plana tro shuirbhidh agus bhùithtean-obrach co-chomhairleachaidh eadar Dimàrt 19 Am Màrt agus Dimàirt 30 An Giblean.CeanglaicheanSgoil Foghlaim agus Spòrs Taigh MhoireibhMA Foghlam Bun-sgoile le Gàidhlig Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann Plana Gàidhlig | Oilthigh Dhùn Èideann Publication date 18 Mar, 2024