Bidh Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid a’ tilleadh am-bliadhna, le Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid, sreath de thachartasan a’ comharrachadh cànan, coimhearsnachd agus cultar na Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Read in English Air a chumail leis a' Chomunn Ghàidhealach ann an com-pàirteachas le Oilthigh Dhùn Èideann, bha Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid air a stèidheachadh ann an 2019. Fad a bheatha, bha MacLeòid gu mòr an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Am bliadhna-sa, bidh sreath de thachartasan, a bhios a' dèanamh fèill air coimhearsnachd Gàidhlig Dhùn Èideann, a' ruith às dèidh na h-òraide. Aon Chroit, Iomadh Chothrom Bidh Katie NicAonghais a' lìbhrigeadh na h-òraide, agus i a' toirt sùil air cothrom agus adhartas ann an coimhearsnachd Ghàidhlig san latha a bh' ann agus san latha a th' ann. Òraid Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid: Aon Chroit, Iomadh Chothrom Sùil air cothrom agus adhartas sa choimhearsnachd Ghàidhlig san latha a bh' ann agus san latha a th' ann. Air a lìbhrigeadh le Katie NicAonghais. 19:00, Diardaoin 1 Gearran 2024The Project Room, 50 Ceàrnag Sheòrais, Dùn Èideann Air fhaighinn air loidhne an seo Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòidThèid sreath de thachartasan iomaill a chumail air Dihaoine agus Disathairne às dèidh na h-òraide. Nam measg, bidh òraidean air dà leabhar ùr a chaidh fhoillseachadh ann an 2023, Ceud Bliadhna de Bhàird a' Chomuinn Ghàidhealaich, air a lìbhrigeadh leis an t-seinneadair is sgrìobhadair Gillebrìde MacIlleMhaoil, agus The Frances Tolmie Collection, leis an Dtr Ceana Chaimbeul agus Dtr Priscilla Scott. Bidh oidhche shònraichte Bothan Dhùn Èideann air a chumail aig Ionad Nàiseanta nan Sgeulachdan, le ceòl bho oileanaich an Oilthigh, Laura Robertson, Alice Nic a' Mhaoilein, agus alumna Màiri Challan. Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid: Dihaoine 02 Gearran 12:30: Bùth-obrach: A' Sgrìobhadh Òran, A' Dèanamh Rann .Air a lìbhrigeadh le Gillebrìde MacIlleMhaoil agus Màrtainn Mac an t-Saoir. 14:00: Ceud Bliadhna de Bhàird a' Chomuinn Ghàidhealaich 1923-2023Air a lìbhrigeadh le Gillebrìde MacIlleMhaoil.15:30: Frances Tolmie Collection: Gun Sireadh Gun IarraidhAir a lìbhrigeadh le Dtr Ceana Chaimbeul agus Dtr Priscilla Scott. Cluinnear cuid dhe na h-òrain a th' anns a' chruinneachaidh air an gabhail le Ceana Chaimbeul, Màiri Challan agus Seumas Greumach. 18:30: Bothan Dhùn Èideann Le ceòl bho Mhàiri Challan, Laura Robertson, Alice Nic a' Mhaoilein agus Seumas Greumach. Ionad Nàiseanta nan Sgeulachdan, 43-45 High Street, Dùn Èideann. Donnchadh Bàn: Cuimhneachadh air Bàrd Gàidhlig ann an Dùn ÈideannBidh sinn a' comharrachadh 300 bliadhna bhon a rugadh am bàrd Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir air Disathairne le sreath de thachartasan mun obair aige is a bheatha ann an Dùn Èideann, a' toirt a-steach òraid air a bhàrdachd le Anja Gunderloch agus cuairt coiseachd timcheall làraichean co-cheangailte ri Donnchadh sa bhaile. 'S e cèilidh thraidiseanta an tachartas mu dheireadh dhen fhèill, air a cumail le Comunn Tìr nam Beann, le ceòl bho Anndra Mac an t-Saoir, Fraser Fifield, Falkirk Junior Gaelic Choir agus Mary MacLean. Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid: Disathairne 03 Gearran 11:00: Bàrdachd Dhonnchaidh Bhàin ann an ClòAir a lìbhrigeadh le Dtr Anja Gunderloch. Donnchadh Bàn ann an CanadaAir a lìbhrigeadh leis an Ollamh Rob Dunbar. The Project Room, 50 Ceàrnag Sheòrais, Dùn Èideann. 12:30: Donnchadh Bàn: Cuairt Coiseachd19:30: Comunn Tìr nam Beann Ceòl bho Anndra Mac an t-Saoir, Fraser Fifield, Falkirk Junior Gaelic Choir agus Mary McLean. Augustine United Church, George IV Bridge, Dùn Èideann. Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid: Didòmhnaich 04 Gearran 12:00: Seirbheis Ghàidhlig aig Eaglais nam Manach LiathSeirbheis le Ruairidh Iain MacLeòid. Eaglais nam Manach Liath, Dùn Èideann EH1 2QQ. Iain MacLeòidBha Iain MacLeòid, a bha bho thùs à Càrlabhagh, Leòdhas, na ghaisgeach cànan is cultar na Gàidhlig fad a bheatha, agus bha e gu mòr an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Bha e na bhall de Chòisirean Gàidhlig Lodainn is Chàrlabhaigh agus, airson deich bliadhna suas gu 2017, bha MacLeòid na cheannard a' Chomuinn Ghàidhealaich. Ann an 1996, thòisich MacLeòid meur Dhùn Èideann dhen Mhòd a-rithist agus, ann an 2017, chaidh an duais "Sàr Gàidheal" a thoirt dha à Sabhal Mòr Ostaig, a' cholaiste Ghàidhlig air an Eilean Sgitheanach. Mar neach-poilis fad a bheatha, thug MacLeòid e fhèin do sheirbheas poblach agus dhan choimhearsnachd a bha air a thimcheall. Every language has value in its own right... Gaelic is here as a key part of Scotland's heritage, something that we can't afford to lose. Iain MacLeòid (1951-2018) Ceanglaichean cuideachail An Comann Gàidhealach Bothan Dhùn Èideann Publication date 16 Jan, 2024