Thug Alice Nic a' Mhaoilein à Leòdhas a' chrùn dhachaigh às dèidh a coileanadh aig an Fhèis Pan Cheilteach Eadar-nàiseanta bliadhnail ann an Ceatharlach, Èirinn. Bha Ms Nic a' Mhaoilein a' farpais an aghaidh buannaichean Mòd Rìoghail Nàiseanta 2020 is 2022, agus na h-ionann cho-fharpaisean ann an Èirinn agus a' Chuimrigh, an tOireachtas agus Eisteddfod, airson an duais chliùiteach a chosnadh. Bha Ms Nic a' Mhaoilein, a choisinn Buinn Òr an t-Seann Nòis aig a' Mhòd 2022, a' riochdachadh na h-Alba còmhla ri buannaichean dhen Bhuinn Òr eile, Calum MacColla agus Emma NicLeòid. Mealaibh ur naidheachd Alice agus gach co-fharpaiseach à Alba. Fèis Pan Cheilteach Eadar-nàiseanta 'S e tachartas fad sheachdain a th' anns an Fhèis Pan Cheilteach Eadar-nàiseanta, a nì fèill air cultar is cànan nan sia dùthchannan Ceilteach: Alba, Èirinn, A' Chuimrigh, A' Bhreatann Bheag, Eilean Manainn, agus A' Chòrn. Tha an fhèis bhliadhnail, a thèid a cumail an t-seachdain às dèidh na Càisge agus ann an Ceatharlach am bliadhna, a' gabhail a-steach sreath de cho-fharpaisean leithid pìobaireachd, dannsa, clàrsach, agus seinn aon-neach is coisir. Am measg nan tachartasan iomaill, bha òraidean, taisbeanaidhean, ceòl beò, agus caismeachd Pan Cheilteach. Gheibhear fios a bharrachd mun Fhèis Pan Cheilteach Eadar-nàiseanta air an làrach-lìn aca. Fèis Pan Cheilteach Eadar-nàiseanta Publication date 29 Aug, 2023