A' fidreadh na Pàirce: Tachartasan ann am Pàirc an Ròid

Tha an t-Oilthigh air a bhith ag obair còmhla ri Àrainneachd Eachdraidheil Alba airson sreath de thachartasan a chuir air dòigh a chuireas sùil air a' Ghàidhlig agus air nàdar ann am Pàirc an Ròid.

Image
Group participating in the Edinburgh Gaelic Festival's Trees event in 2017 in Holyrood Park

Bidh ceithir tachartasan a' dol tro 2018 mar phàirt de 'A' fidreadh na Pàirce'. Bidh dà dhiubh a' gabhail pàirt tro mheadhan na Bheurla, agus dà dhiubh tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh na tachartasan seo a' cur sùil air lusan is beòthaichean na pàirce cho math ris na rudan seo ann an dualchas nan Gàidheal. Thigibh ann airson Gàidhlig a bhruidhinn sa phàirc aig diofar àmannan is ràithean. Barrachd fiosrachaidh gu h-ìosal. Tha na tachartasan seo fosgailte dhan a h-uile duine: oileanaich, luchd-obrach is muinntir na coimhearsnachd.

27 a' Ghiblean 2018 - A' fidreadh na Pàirce: Èoin (Beurla)

13 an t-Iuchar 2018 - A' fidreadh na Pàirce: Lusan is Flùraichean (Gàidhlig)

31 an Lùnastal 2018 - A' fidreadh na Pàirce: Ialtagan (Gàidhlig)

9 an t-Samhainn 2018 - A' fidreadh na Pàirce: Craobhan (Beurla)

 

Read this page in English.