Am-bliadhna-sa, mar phàirt dhen fhèill "Edinburgh 900", tha sinn a' comharrachadh 900 bliadhna bhon a bha Dùn Èideann air a stèidheachadh mar bhaile. Tha a' Ghàidhlig air a bhith na pàirt chudromach dhen sgeul againn bhon uair a chaidh Dùn Èideann ainmeachadh mar bhaile rìoghail leis an Rìgh Dàibhidh I ann an 1124. Mar an ceudna, tha Oilthigh Dhùn Èideann, a chaidh a stèidheachadh ann an 1583, air fàs suas leis a' bhaile. Ach, ciamar a tha an t-Oilthigh air a bhith cudromach don Ghàidhlig ann an Dùn Èideann? Thagh dithis sgoilear à Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig dà chuspair bho bheatha na Gàidhlig aig an Oilthigh gus sealltainn mar a tha a' Ghàidhlig aig an Oilthigh air buaidh a thoirt air a' bhaile air fad.Edinburgh 900 An t-Seann Cholaiste, Oilthigh Dhùn Èideann. Seachdain na Gàidhlig Dè th' ann? Tha Seachdain na Gàidhlig a’ ruith gach Gearran. Chaidh a stèidheachadh ann an 2022 airson Gàidhlig aithneachadh agus a bhrosnachadh tro ghnìomhan spòrsail is bidh e a’ teagasg daoine anns a’ choimhearsnachd agus sna sgoiltean mu chànan na Gàidhlig. Ciamar a tha Oilthigh Dhùn Èideann an sàs ann? Cuiridh Oilthigh Dhùn Èideann tachartasan is cur-seachadan Gàidhlig air dòigh, mar eisimpleir, cèilidh a’ Chomainn Cheilteach agus gnìomhan le sgoilearan. Tha an t-Oilthigh cuideachd os cionn prògram Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann. Carson a tha e cudromach? Tha Seachdain na Gàidhlig cudromach airson Gàidhlig a leudachadh agus airson toirt còmhla daoine ann an coimhearsnachd na Gàidhlig. Tha e a’ cur cuideam air a’ bhuaidh a th’ aig a’ chànan is aig coimhearsnachd na Gàidhlig air eachdraidh is cultar na h-Alba. Seachdain na Gàidhlig aig ODÈ Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid Dè th' ann? ’S e fèill a th’ ann gus beatha an neach-tagraidh Gàidhlig Iain MicLeòid aithneachadh. Tha an fhèis seo air a bhith a’ gabhail àite thairis air na sia bliadhnaichean mu dheireadh bhon a bhàsaich Iain MicLeòid ann an 2019. Bha Iain sònraichte airson cànan is cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh. Ciamar a tha an t-Oilthigh an sàs ann? Gach bliadhna, obraichidh An Comunn Gàidhealach còmhla ri Oilthigh Dhùn Èideann gus an fhèill seo a chur air dòigh. Tha an fhèill ga cumail aig an Oilthigh. Carson a tha e cudromach? Tha an fhèis seo a’ toirt còmhla daoine aig a bheil Gàidhlig agus an fheadhainn aig a bheil ùidh sa chànan. Tha iomadh tachartas air a bhith mar phàirt dhen fhèis seo, mar eisimpleir, cuairtean-coiseachd, bùithtean-obrach sgrìobhaidh agus dannsa-cèilidh. Fèill Chuimhneachaidh Iain MhicLeòid 2025 Airson barrachd fhiosrachaidh air eachdraidh na Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann, nach toir thu sùil air an loidhne-tìde digiteach againne. Eachdraidh na Gàidhlig aig ODÈ Mòran taing do Mary-Ellen agus Cara airson an obair aca. Bha am pròiseact seo air a chur air dòigh ann an com-pàirteachas le Capital Gaelic, lìonra de bhuidhnean ionadail is nàiseanta a tha airson Gàidhlig a bhrosnachadh ann an Dùn Èideann. Capital Gaelic Read in English Publication date 17 Jun, 2025