Fàilte gu Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann - 2024/25

Fàilte oirbh uile gu bliadhna eile aig Oilthigh Dhùn Èideann. Cleachd na duilleagan Gàidhlig aig an Oilthigh gus fiosrachadh fhaighinn mun Ghàidhlig air an àrainn agus sa bhaile mhòr.

Read this in English

Seo an t-àite far am faigh oileanaich agus luchd-obrach aig a bheil Gàidhlig agus a tha ga h-ionnsachadh fiosrachadh mu chothroman, ghoireasan agus thachartasan air an àrainn agus san sgìre ionadail againn.

Ma tha thu a' tòiseachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann am bliadhna-sa, no ma tha thu a' tilleadh air ais, nach tòisich tu leis an fhiosrachadh gu h-ìosal gus faighinn a-mach mun Ghàidhlig aig an Oilthigh agus sa bhaile mhòr? 

Cuimhnich gum bi sinn a' sgaoileadh fiosrachadh agus naidheachdan gach mìos tron chuairt-litir againn. 

Failte

Gàidhlig aig an Oilthigh 

Tha Gàidhlig air a bhith na pàirt mhòr de bheatha aig an Oilthigh fad bhliadhnaichean. Leugh ar sgeul air an loidhne-tìde gu h-ìosal, agus faigh a-mach mun chomann as sine aig an Oilthigh, An Comann Ceilteach. 

Eachdraidh na Gàidhlig aig an Oilthigh

An Comann Ceilteach 

Is e an comann as sine aig an Oilthigh a th' anns a' Chomann Cheilteach. Tron bhliadhna, bidh an Comann a' cur air dòigh tachartasan cultarail agus sòisealta a tha gu tric dà-chànanach. Faigh a-mach a bharrachd air an duilleag Instagram aca. 

An Comann Ceilteach air Instagram 

Two people ceilidh dancing

Comann Oileanach Oilthigh Dhùn Èideann 

Is e Comann nan Oileanach (EUSA) am buidheann a bhios a' riochdachadh guth nan oileanach aig an Oilthigh. Tha Comann nan Oileanach air a bhith ag obair gu cruaidh gus taic a thoirt dhan Ghàidhlig thar bliadhnaichean, agus tha iad air an riochdachadh air buidheann-obrach Plana Gàidhlig an Oilthighe. 

Comann Oileanach Oilthigh Dhùn Èideann (EUSA)

Gàidhlig ann an Dùn Èideann 

Cho math ris na tha a' tachairt aig an Oilthigh, tha eachdraidh fhada aig Gàidhlig sa bhaile mhòr, agus tha a' choimhearsnachd air fàs gu mòr bhon chunntas-sluaigh mu dheireadh. 

Tha uiread de bhuidhnean Gàidhlig ann an Dùn Èideann, bho chòisirean agus cheòl gu bhuidhnean ealain agus spòrs. Thoir sùil air na buidhnean Gàidhlig ann an Dùn Èideann, agus feuch nach caill thu Bothan Dhùn Èideann, oidhche-ciùil Ghàidhlig, a' chiad Dihaoine gach mìos! 

Buidhnean Gàidhlig ann an Dùn Èideann

Bothan Dhùn Èideann air Instagram 

Slighe Dhùn Èideann

A bheil thu ùr ann an Dùn Èideann? Gabh cuairt air timcheall a' bhaile mhòr againn eadar diofar làraichean co-cheangailte ris a' Ghàidhlig. Chaidh am mapa seo a chruthachadh le Capital Gaelic, lìonra de bhuidhnean nàiseanta is ionadail ann an Dùn Èideann agus iad ag obair gus Gàidhlig a bhrosnachadh sa bhaile mhòr. 

Slighe Dhùn Èideann air Google Maps

Children sitting around a table doing crafts

Taic Chànain 

A bharrachd air na cothroman sòisealta, tha taic chànain sa Ghàidhlig ri fhaighinn aig an Oilthigh. Faodaidh tu pasganan cànain agus an dearbhadair litreachais againn a lorg air na duilleagan againn. Bidh na h-innealan seo ga dhèanamh nas fhasa dhut sgrìobhadh sa Ghàidhlig air CPan an Oilthigh agus air Microsoft 360 air loidhne. Tha inneal teacsa-gu-cainnt ri fhaighinn air CALL Scotland. 

Taic Chànain

Gabh pàirt 

An toil leat sgrìobhadh? Ealain? A bheil beachdan agad air dè am bu toil leat fhaicinn bhon duilleag seo? Nach cuir thu fios gu Isla, Oifigear Gàidhlig an Oilthigh. 

Cuir fios