Glèidh an latha: Seanchas agus Shinty Sticks

Thig còmhla ri Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann, Tayforth Camanachd, agus Camanachd Dhùn Èideann airson an tachartais ùir seo a chomharraicheas camanachd agus a' Ghàidhlig ann am meadhan na h-Alba.

Read this page in English

'S e camanachd aon de na spòrsan as sine ann an Alba, a' dol air ais còrr is 2,000 bliadhna. Ach, càit' a bheil Dùn Èideann a' tighinn a-steach don sgeul? Agus ciamar a tha an spòrs cho ceangailte ris a' Ghàidhlig agus beatha na Gàidhealtachd? 

Tha sgioba Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann air a bhith ag obair còmhla ri sgiobaidhean camanachd ann an Dùn Èideann gus DEIREADH-sheachdain na Gàidhlig a thoirt thugaibh, làithean làn de sheanchas agus spòrs, ann an Dùn Èideann, 7-8 Samhain 2025, gus beachdachadh air a' cheangal eadar camanachd is Gàidhlig. 

Filmichean agus Sgeulachdan Camanachd le Ùisdean MacIllInnein

Air Dihaoine 7 Samhain, bidh Ùisdean MacIllInnein còmhla rinn, a' toirt thugainn sgeulachdan mu chamanachd ann an Alba agus sgeulachdan bho na làithean aige fhèin ann an camanachd, bho bhith a' cluich na leanabh ann an Caol, An Gearasdan, gu còrr is 40 bliadhna mar chraoladair-spòrs leis a' BhBC. 

Ùisdean a' cluich camanachd.
Bidh Ùisdean MacIllInnein còmhla rinn air Dihaoine 7 Samhain.

Thig tràth airson srùbag fhaighinn, stuth tasglainn camanachd fhaicinn bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, còmhradh Gàidhlig, agus cothrom abairt no dhà ionnsachadh mu chamanachd sa Ghàidhlig. 

Filmichean is Sgeulachdan Camanachd le Ùisdean MacIllInnein

Latha: Dihaoine 7 An t-Samhain, 17:00-18:30 

Àite: Godfrey Thomson Hall, Thomson's Land, Holyrood Road, EH8 8AQ 

17:00: Cothrom srùbag a ghabhail is dealbhan tasglainn camanachd fhaicinn bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Seisean còmhraidh sa Ghàidhlig agus fiosrachadh mu bhriathrachas camanachd sa Ghàidhlig. 

17:30: Sgeulachdan camanachd còmhla ri Ùisdean. Cluinnidh sinn sgeulachdan mu chamanachd ann an Alba agus beagan mu na làithean aige fhèin ann an camanachd. Bidh an òraid seo sa Bheurla.

18:15: C&F le Ùisdean MacIllInnein. 

Clàradh: Filmichean is Sgeulachdan Camanachd le Ùisdean MacIllInnein  

Thigibh còmhla rinn is sinne a' dol gu Bothan Dhùn Èideann às dèidh làimhe airson oidhche ciùil Ghàidhlig ann an Ionad nan Sgeulachdan. 

Bothan Dhùn Èideann

Blasad Camanachd agus Geama Coimhearsnachd 

A bheil thu airson camanachd fheuchainn? Air Disathairne 8 Samhain, thig còmhla ri Camanachd Tayforth (inbhich) agus Camanachd Dhùn Èideann (fo aois 18) agus iad a' cumail seisean blasad camanachd. Thoir taic air an loidhne-oisein tron gheama choimhearsnachd aca, no gabh pàirt ann! 

Thig còmhla rinn às dèidh an t-seisein airson beagan còmhraidh Gàidhlig (agus/no còmhradh mu chamanachd) agus pinnt ann an Seumas's, 15 Brougham Place. 

Blasad Camanachd agus Geama Coimhearsnachd

Latha: Disathairne 8 Samhain, 10:30-12:30  

Àite: Na Meadows, ri taobh Lonsdale Terrace 

10:30: Seisean blasad camanachd agus geama coimhearsnachd (fosgailte dhan a h-uile)*

12:30: Pinnt is còmhradh Gàidhlig/camanachd às dèidh a' gheama ann an Seumas's, 15 Brougham Place, Dùn Èideann, bho 12:30.  

Saor an-asgaidh. Cha leig thu leas clàradh. 

*Cho math 's a tha an raon-cluiche tioram gu leòr. Gheibh thu am fiosrachadh as ùire air na duilleagan Instagram agus Facebook againn. Ceanglaichean gu h-ìosal. 

Tha an tachartas seo air a thoirt thugaibh le Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann. 

Le taing do: Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Capital Gaelic, Ionad Gàidhlig Dhùn Èideann, Oilthigh Dhùn Èideann, Camanachd Tayforth, Camanachd Dhùn Èideann, Seumas's, agus Ùisdean MacIllInnein. 

Ceanglaichean 

Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann (Instagram)

Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann (Facebook)

Seachdain Gàidhlig Dhùn Èideann (làrach-lìn)