Tha taigh Gàidhlig OIilthigh Dhùn Èideann, Ar Fàrdach, na chothrom ùr do dh'oileanaich aig a bheil a' Ghàidhlig a bhith a' fuireach còmhla ann an àrainneachd Ghàidhlig, a dh'aindeoin cuspair acadaimigeach. Tha Ar Fàrdach a' cruthachadh àite do dh'oileanaich far an urrainn dhaibh Gàidhlig a chleachdadh gu làitheil mar chànan an taighe, a dh'aindeoin dè an cuspair a tha iad ag leughadh aig an Oilthigh.Tha an sgeama seo fosgailte do dh'oileanach sam bith aig Oilthigh Dhùn Èideann a tha fileanta sa chànan, no a tha deònach Gàidhlig a bhruidhinn fad na tìde aig an taigh. Taic dhan Ghàidhlig air an àrainn Tha an sgeama seo na phàirt de Phlana Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann 2025-2030, agus tha e a' cur ri amasan a' Phlana Nàiseanta gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh aig an taigh agus anns a' choimhearsnachd. Leis gu bheil an àireamh de dhaoine aig a bheil a' Ghàidhlig a' fàs ann an Dùn Èideann agus air feadh na h-Alba, tha e cudromach gu bheil an t-Oilthigh a' lorg chothroman gus taic a thoirt do dh'oileanaich aig a bheil a' Ghàidhlig taobh a-staigh agus taobh a-muigh nan clasaichean aca.Plana Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann 2025-2030 Càit am bi mi a' fuireach? Tha an sgeama fosgailte do chòig oileanaich ann am bliadhna sam bith. Bidh am flat Gàidhlig ann an Cuirt Fhriseil (Fraser Court) air Rathad Dail Chèith, tallaichean fèin-frithealaidh faisg air Pàirce an Ròid, agus 18 mionaidean air falbh bho phrìomh àrainn an Oilthigh. Fraser Court | UoE AccommodationCiamar a ghabhas mi pàirt ann? Ma tha ùidh agad san sgeama seo, no ma tha ceistean agad, cuir post-d do Oifigear Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann, Isla, leis an fhiosrachadh gu h-ìosal: T' ainm Cuspair a tha thu ag ionnsachadh Bliadhna anns a bheil thu Cuir post-d thugainn Read this page in English Publication date 09 Jan, 2025